- TIOTAL
- Caileagan òga a' snìomh
- EXTERNAL ID
- HCD00786
- ÀITE
- Caol Loch Aillse
- SGÌRE
- Taobh an Iar Dheas Rois
- SIORRACHD/PARRAIST
- ROS: Loch Aillse
- LINN
- 1930an; 1940an
- CRUTHADAIR
- Duncan Macpherson
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
- AITHNEACHADH MAOINE
- 12480
- KEYWORDS
- snìomh
cuibhlichean-snìomh
daoine

Is dòcha gu robh na nigheanan òga a chì sinn aig na cuibhlichean-snìomh anns an dealbh seo a' gabhail pàirt an dàrna cuid ann an co-fharpais no taisbeanadh snìomha. Bha seo na phàirt de thachartas a chaidh a chumail gu cunbhalach as t-samhradh air raointean-cluiche Chaol Loch Aillse. Bhathar a' brosnachadh sgilean traidiseanta aig an àm seo agus bhiodh fèill-thaisbeanaidh ann gach foghar gus obair-ciùird dhachaigheil Ghàidhealach a thaisbeanadh. Chaidh a chumail ann an Talla a' Chaoil agus bha e na tharraing an dà chuid do luchd-tadhail agus do mhuinntir an àite agus e a' toirt cothrom dhaibh clò-mòr dachaigheil, stocainnean fighte, bataichean agus obair-ciùird eile fhaicinn is a cheannach cho math ri toradh mar mil, measan agus glasraich
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives
Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives