Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An ciudha airson an aiseig agus luchd taisdeil aig Caol Loch Aillse
EXTERNAL ID
HCD00789
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1920an
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12482
KEYWORDS
carbadan
càraichean
luchd-taisdeil
aiseagan
laimrig
dubh-shiùbhlaich
Ferry Queue and Travelling people at Kyle of Lochalsh

Tha an sreath de chàraichean luachmhor tur eadar-dhealaichte bhon luchd-taisdeil agus a' chairt air an laimrig aig a' Chaol anmoch sna 1920an. Tha chassis 6 siolandair air na carbadan agus bodhaig 'coachbuilt', fosgailte no dùinte, cuide ri tancaichean peatroil a bharrachd air na bùird-coise no running boards. Tha e follaiseach gu robh làn fhios aig an luchd-tadhail bheartach seo gu robh pumpaichean peatroil gann agus fada bho chèile air Ghàidhealtachd.

Bhiodh luchd-taisdeil a' gluasad bho bhaile gu baile, a' fuireach ann an teantaichean-bogha sìmplidh. Bhiodh iad ag obair mar cheàrdan-staoin, luchd-reic, luchd-malairt each, no iasgairean neamhnaidean airson bith-beò a dhèanamh. Ged a bha iad an iomadh dòigh mar na dubh-shiùbhlaich Ròmanach, bha dlùth cheanglaichean cinnidheach agus dualchasach aca ris a' Ghàidhealtachd. Gu math tric bhiodh Gàidhlig aca agus bhiodh ainmean traidiseanta nam fineachan orra, mar Stiùbhart, Camshron no MacDhòmhnaill

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An ciudha airson an aiseig agus luchd taisdeil aig Caol Loch Aillse

ROS: Loch Aillse

1920an

carbadan; càraichean; luchd-taisdeil; aiseagan; laimrig; dubh-shiùbhlaich

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (photographs)