Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Oidhche Mus Do Sheòl Sinn (The Night Before We Sailed)
EXTERNAL ID
AB_LL_ANGUS_PETER_CAMPBELL_01
DEIT
2008
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Angus Peter Campbell
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
1254
KEYWORDS
claistinneach
bàrdachd
bàird
litreachas
cruthan-tìre litreachais

Get Adobe Flash player

Tha a' chuibhreann chlaistinneach seo o 'An Oidhche Mus Do Sheòl Sinn' le Aonghas Pàdraig Caimbeul, foillsichte ann an 2003.

'Bha e air a' mhadainn a chur seachad a' lorg na cloiche cheart. Tè ìseal, rèidh, dhìreach, nach fhacas a leithid riamh. 'S bha I aige a-nis, 's i cho caol ri slige muirsgein: an sgiobag a b' fheàrr a chunna duine riamh.

Shuath e i air ais 's air adhart le òrdaig, ga tionndadh tòrr thursan, a' coimhead oirre gu mionaideach. Chann fhac' e riamh a leithid de leum-liuchdadair. 'Chan fhaca', shaoil e, 'na duine sam bith eile.' Bha i mu chòig òirlich a dh'fhaid aig a' char a b' fhaide, 's mu òirleach gu leth a leud, 's cho tana le sliseig deighe. 'S dòcha gun cùm mi greiseag i', smaoinich e. 'Seallaidh mi i do dh'Iain 's do Mhurchadh. Cuiridh mi geall nach fhac' iad a leithid riamh.'

Ach nach biodh e math a tilgeil, ann an aonrachdanas na maidne. Choimhead e mun cuairt 's cha robh sìon ri fhaicinn ach na geòidh air taobh thall an locha. Bha a' Bheinn Mhòr fo cheò. Bha an crodh air an àirigh. 'S bha an sluagh fhèin shìos an Àird Mhìcheil aig tòrradh mòr: ceathrar a chaidh a bhàthadh ann an Loch Aoineart tràth madainn Diciadain.

Bha e dìreach eadar an spitheag a chur na phòcaid 's a tilgeil nuair a chual' e am fuaim an toiseach, mar bhrag nan clachan-meallain: iongannan nan each fad' às. Drumaichean beaga, mar ùird athar, a' bragadaich air cloich. 'S chual' e cuideachd sliasradh na cartach, a' grunnachadh 's ag èirigh sa mhorghan. Dhùisg sitrich nan capall na lachan a bha am falach san luachair, 's le foragradh sgèith dh'èirich iad dha na speuran, a' dèanamh air a' chadlach.'

Rugadh Aonghas Pàdraig Caimbeul ann an 1952 aig crois rathaid far a bheil Baghasdal a Deas a' coinneachadh an rathaid mhòir o dheas gu tuath eadar Dalabrog is an Lùdag. 'S dòcha gun do tharraing e a chiad anail fo shùil fhaiceallach an Dr Alasdair MacIllEathain, agus ma tharraing, thàinig e a-steach don t-saoghal fo stiùir litreachais nas treasa na bh' aig a' mhòr-chuid, ach chan urrainn dha a bhith cinnteach. Rinn e 'eilthireachd' don Òban dhan àrd-sgoil an sin agus dh'fhàs an ùidh aige ann an litreachas, le brosnachadh o thidsear na Beurla aige, Iain Crichton Mac a' Ghobhainn.

An dèidh dha oideachadh fhaighinn aig Oilthigh Dhùn Èideann, thog e dreuchd na neach-naidheachd. Tha e air sgrìobhadh don West Highland Free Press agus do Thelebhisean Grampian agus don BhBc. Fhuair e an dreuchd mar Sgrìobhaiche aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 1990, agus dh'fhoillsich e a chiad cruinneachadh de bhàrdachd ann an 1992. Dh'fhuirich e ag obair ann an SMO gu ruige 2000, a' sgrìobhadh barrachd bàrdachd agus cuideachd nobhailean chloinne. Ann an 2001 choisinn e an crùn mar bhòrd aig Mòd a' Chomuinn Ghàidhealaich, agus ann an 2003 choisinn e Caidreachas Sgrìobhaidh Iain Crichton Smith. Ann an 2007 bha e ann an 'Seachd: The Inaccessible Pinnacle', a' chiad fhilm slàn Gàidhlig a rinneadh san latha an-diugh.

Tha Aonghas na fhìor sheanchaidh na Gàidhlig, le blas na bàrdachd agus fèisteas na dhòigh ìnnsidh. Bha buaidh mhòr aig ionad a bhreith, agus aig na cruthan tìre far na dh'fhàs e suas, air Aonghas Pàdraig, a' leantainn traidisean bàird ainmeil Gàidhlig eile, Somhairle MacIllEathain.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Oidhche Mus Do Sheòl Sinn (The Night Before We Sailed)

2000an

claistinneach; bàrdachd; bàird; litreachas; cruthan-tìre litreachais

Am Baile

Literary Landscapes: Angus Peter Campbell