Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
'Iuchair is Doras is Taigh'
EXTERNAL ID
AB_LL_ANGUS_PETER_CAMPBELL_02
DEIT
2008
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Angus Peter Campbell
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
1255
KEYWORDS
claistinneach
bàrdachd
bàird
cruthan-tìre litreachais

Get Adobe Flash player

Chaidh an rann 'Iuchair is Doras is Taigh' a sgrìobhadh le Aonghas Pàdraig Caimbeul. Tha e air a leughadh an seo leis an ùghdar.

1.
Seo iuchair an dorais.

Chan eil an doras glaiste idir,
ged nach fhaigh thu troimhe gun iuchair.

Tha thu a gabhail na h-iuchrach nad làimh,
ach feumaidh tu creidsinn gum fosgail i gach doras.

Na caill an iuchair,
oir ma chailleas bidh thu glaist' a-muigh.

2.
Tha thu gnogadh air an doras.

Tha e fosgladh.

Tha e dùnadh os do dhèidh.

3.
A-staigh,
tha tòrr ionmhais anns an taigh:
seann òrain agus nuadh-bhàrdachd.

Tha na dàin cheana
uile air an sgrìobhadh: 's e d' obair-sa
an leabhar led ainm fhèin a lorg air na sgeilpochean
agus na dàin a tha na bhroinn a leughadh.

Chan urrainn dhut
an leughadh gus an sgrìobh thu iad.

Tha gob air an iuchair,
le inc dearg a' dòrtadh às.

Siuthad.

Sgrìobh.

Rugadh Aonghas Pàdraig Caimbeul ann an 1952 aig crois rathaid far a bheil Baghasdal a Deas a' coinneachadh an rathaid mhòir o dheas gu tuath eadar Dalabrog is an Lùdag. 'S dòcha gun do tharraing e a chiad anail fo shùil fhaiceallach an Dr Alasdair MacIllEathain, agus ma tharraing, thàinig e a-steach don t-saoghal fo stiùir litreachais nas treasa na bh' aig a' mhòr-chuid, ach chan urrainn dha a bhith cinnteach. Rinn e 'eilthireachd' don Òban dhan àrd-sgoil an sin agus dh'fhàs an ùidh aige ann an litreachas, le brosnachadh o thidsear na Beurla aige, Iain Crichton Mac a' Ghobhainn.

An dèidh dha oideachadh fhaighinn aig Oilthigh Dhùn Èideann, thog e dreuchd na neach-naidheachd. Tha e air sgrìobhadh don West Highland Free Press agus do Thelebhisean Grampian agus don BhBc. Fhuair e an dreuchd mar Sgrìobhaiche aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 1990, agus dh'fhoillsich e a chiad cruinneachadh de bhàrdachd ann an 1992. Dh'fhuirich e ag obair ann an SMO gu ruige 2000, a' sgrìobhadh barrachd bàrdachd agus cuideachd nobhailean chloinne. Ann an 2001 choisinn e an crùn mar bhòrd aig Mòd a' Chomuinn Ghàidhealaich, agus ann an 2003 choisinn e Caidreachas Sgrìobhaidh Iain Crichton Smith. Ann an 2007 bha e ann an 'Seachd: The Inaccessible Pinnacle', a' chiad fhilm slàn Gàidhlig a rinneadh san latha an-diugh.

Tha Aonghas na fhìor sheanchaidh na Gàidhlig, le blas na bàrdachd agus fèisteas na dhòigh ìnnsidh. Bha buaidh mhòr aig ionad a bhreith, agus aig na cruthan tìre far na dh'fhàs e suas, air Aonghas Pàdraig, a' leantainn traidisean bàird ainmeil Gàidhlig eile, Somhairle MacIllEathain.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

'Iuchair is Doras is Taigh'

2000an

claistinneach; bàrdachd; bàird; cruthan-tìre litreachais

Am Baile

Literary Landscapes: Angus Peter Campbell