Ùrachadh mu Dheireadh 08/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
'Stòras Uibhist'
EXTERNAL ID
AB_LL_ANGUS_PETER_CAMPBELL_03
DEIT
2008
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Angus Peter Campbell
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
1257
KEYWORDS
bàrdachd
bàird
claistinneach
cruthan-tìre litreachais

Get Adobe Flash player

Chaidh an rann 'Stòras Uibhist' a sgrìobhadh le Aonghas Pàdraig Caimbeul. Tha e air a leughadh an seo leis an ùghdar.

(Rannan beag a sgrìobh mi do mhuinntir Uibhist aig Ceòlas 2006, nuair a dh'iarr Iain Dòmhnallach (Gleann Ùig) pìos bàrdachd orm mu Thilleadh an Fhearainn.)

Uibhist chùbhraidh nan dàn,
Èist le bàrdachd ar bilean,
Tha ar saorsa air fàir',
Tha ar machraichean leinne.
A' Bheinn Mhòr tha cho àrd
Na samhla a-nise
Gum buin i dhan àit',
'S an t-àite dhuinn uile -
He-hò-rò, abair là,
Tha ar stòras air tighinn!

Chan e stòras an àit'
Dìreach machraichean Uibhist;
Chan e'n stòras as àird'
An rud a chì sùil san innis -
Chan e 'n talamh a-mhàin
A shealbhaich sibh uile
Ach eachdraidh is òrain
Is bàrdachd nam buillean -
He-hò-rò, abair là,
Tha ar stòras air tighinn!

Bha àm ann, a chàirdean,
Nuair a bhuineadh e uile
Do Lady Chathcart
Agus Iain Gòrdan à Cluny;
'S bha àm ann na b' fhèarr,
Fo Chlann Raghnaill nam filidh,
Ach thàinig fuadach is fòirneart
Is bodhdainn is milleadh -
He-hò-rò, abair là,
Tha ar stòras air tighinn!

Ach than linn ùr air fàire,
'S tha mhadainn air tighinn,
'S ann dhuibhse a-nist
A bhuineas Uibhist nam Filidh:
Dèanaibh dàn dheth, is òran,
Is pìobaireachd cuideachd -
Dèanaibh danns' dheth, is ùrnaigh:
Mo mhìle beannachd air Uibhist!

Rugadh Aonghas Pàdraig Caimbeul ann an 1952 aig crois rathaid far a bheil Baghasdal a Deas a' coinneachadh an rathaid mhòir o dheas gu tuath eadar Dalabrog is an Lùdag. 'S dòcha gun do tharraing e a chiad anail fo shùil fhaiceallach an Dr Alasdair MacIllEathain, agus ma tharraing, thàinig e a-steach don t-saoghal fo stiùir litreachais nas treasa na bh' aig a' mhòr-chuid, ach chan urrainn dha a bhith cinnteach. Rinn e 'eilthireachd' don Òban dhan àrd-sgoil an sin agus dh'fhàs an ùidh aige ann an litreachas, le brosnachadh o thidsear na Beurla aige, Iain Crichton Mac a' Ghobhainn.

An dèidh dha oideachadh fhaighinn aig Oilthigh Dhùn Èideann, thog e dreuchd na neach-naidheachd. Tha e air sgrìobhadh don West Highland Free Press agus do Thelebhisean Grampian agus don BhBc. Fhuair e an dreuchd mar Sgrìobhaiche aig Sabhal Mòr Ostaig ann an 1990, agus dh'fhoillsich e a chiad cruinneachadh de bhàrdachd ann an 1992. Dh'fhuirich e ag obair ann an SMO gu ruige 2000, a' sgrìobhadh barrachd bàrdachd agus cuideachd nobhailean chloinne. Ann an 2001 choisinn e an crùn mar bhòrd aig Mòd a' Chomuinn Ghàidhealaich, agus ann an 2003 choisinn e Caidreachas Sgrìobhaidh Iain Crichton Smith. Ann an 2007 bha e ann an 'Seachd: The Inaccessible Pinnacle', a' chiad fhilm slàn Gàidhlig a rinneadh san latha an-diugh.

Tha Aonghas na fhìor sheanchaidh na Gàidhlig, le blas na bàrdachd agus fèisteas na dhòigh ìnnsidh. Bha buaidh mhòr aig ionad a bhreith, agus aig na cruthan tìre far na dh'fhàs e suas, air Aonghas Pàdraig, a' leantainn traidisean bàird ainmeil Gàidhlig eile, Somhairle MacIllEathain.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

'Stòras Uibhist'

2000an

bàrdachd; bàird; claistinneach; cruthan-tìre litreachais

Am Baile

Literary Landscapes: Angus Peter Campbell