Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dealbh de Chluanaidh Mac a' Phearsain
EXTERNAL ID
HCD00902
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1910an
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12570
KEYWORDS
Clann Mhic a' Phearsain
Cluanaidh Mac a' Phearsain
dealbh
Picture of Cluny MacPherson

IS e Cluanaidh Mac a' Phearsain an t-ainm a tha air gach ceannard air Clann Mhic a' Phearsain. B' e Caisteal Chluanaidh, ann an Lagan ann an Siorrachd Inbhir Nis, dachaigh ceannardan Mhic a' Phearsain. Rugadh an duine uasal anns an deilbh seo air 24 Giblean 1804 agus chaochail e air 11 Faoilleach 1885. B'e Eòghann Mac a' Phearsain, a bha beò anns a' chiad leth den 18 linn fear de na ceannardan as ainmeil aig an robh an tiotal Cluanaidh Mac a' Phearsain. Shabaid e air taobh a' Phrionnsa Òg Stiùbhart às dèidh blàr Phrestonpans. Ged nach robh e fhèin an sàs ann am blàr Chùl Lodair, chaidh a chur fon choill is bha e air fhasgadh le a luchd-dàimh fad iomadh bliadhna. Thog Donnchadh Mac a' Phearsain, am fear camara, bothan dha fhèin air àrd-thalamh rèidh os cionn an taigh-teaghlaich aige an Caol Loch Aillse. Chuir e an t-ainm 'An Cèidse' air a ' chuilidh seo, ainm eachdraidheil bho 'Cluny's Cage' air slèibhtean Bheinn Eallair, far an tug Cluainidh Mac a' Phearsain fasgadh dhan Phrionnsa Teàrlach 's e na fhear-fuadain. Bha an teaghlach glè dhèidheil air an taigh-samhraidh a bha seo far am biodh an teaghlach a' cruinneachadh airson teatha an fheasgair, air neo far an cuireadh iad seachad greiseag bheag nan aonar a' coimhead air na seallaidhean àghmhor. Is math a dh'fhaoidte gu robh an dealbh seo crochte air a' bhalla ann an 'Gleann Cuitheil', taigh Mhic a' Phearsain

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dealbh de Chluanaidh Mac a' Phearsain

ROS: Loch Aillse

1910an

Clann Mhic a' Phearsain; Cluanaidh Mac a' Phearsain; dealbh

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (photographs)