Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eaglais A' Chlachain Aillsich, Loch Aillse
EXTERNAL ID
HCD00919
ÀITE
An Clachan Aillseach
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1920an
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12577
KEYWORDS
eaglais
An Clachan Aillseach
cuimhneachan
parraist Loch Aillse
Kirkton Church, Lochalsh

Ged is e 'Eaglais Loch Aillse, Baile Mac Ara' tiotal na deilbh seo, a thog Donnchadh Mac a' Phearsain, tha an eaglais anns a' Chlachan Aillseach, eadar Baile Mac Ara is Uachdar Thìre. Tha eaglais air a bhith air an làraich seo, no faisg air, o mheadhan an t-17mh linn. Tha iomradh ann an clàir na clèire air seann eaglais a bha air fàs cho dona ann an 1803 's gun deach a leagail. Chaidh òrdugh a thoirt dhan t-sealbhadair aig an àm, Sir Ùisdean Innes, eaglais ùr a ghabhadh 800 duine nan suidhe a thogail, is chaidh an eaglais ùr fhosgladh air 13 Lùnastal 1807, an ìre mhath mar a tha i an-diugh, ach nach gabh i ach mu 150 duine.

Bha màl ann airson suidheachain aig an àm, is tha coltas gun do dh'fheuch Sir Ùisdean ri cuid den airgead a chosg e a' togail na h-eaglais fhaighinn air ais le màl àrd a stèidheachadh. Airson ùine, bha daoine le bataichean air am fastadh gus dèanamh cinnteach gun robhas ga phàigheadh, is a chum duine nach robh air a phàigheadh a chumail às an eaglais. Gu fortanach, chaidh stad a chur air seo.

'S dòcha gun deach an taobh a-staigh a leasachadh ri linn Bhioctoria. Lorg luchd-obrach amar-baistidh beag cloiche ann an cladh na
h-eaglais anns na 1950an, is dh'ath-sgeadaich ball den choithional e. B' e togalach A' Chlachain Aillsich an aon togalach clèireach ann an Loch Aillse gu 1827, nuair a chaidh eaglais a thogail sa Phloc. Roimhe sin, bhiodh daoine a' coiseachd mìltean mòra dhan eaglais gach Sàbaid. Nuair a chaidh an rèile a leudachadh gu Caol Loch Aillse ann an 1897, chaidh eaglais eile a thogail an sin air sgàth 's an àrdachadh sluaigh a bh'ann. 'S àbhaist gu bheil seirbheisean anns na trì eaglaisean sa pharraist gach Sàbaid. Tha am fiosrachadh seo air a thoirt o bhileig a gheibhear san eaglais. Chaidh a' chlach-chinn mhòr san dealbh a thogail mar chuimhneachan air Fearchar MacMhathain, MB, JP, a rugadh san Dòrnaidh air 15 Cèitean 1840 is a bhàsaich ann an Lunnainn san Lùnastal 1905

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eaglais A' Chlachain Aillsich, Loch Aillse

ROS: Loch Aillse

1920an

eaglais; An Clachan Aillseach; cuimhneachan; parraist Loch Aillse

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (photographs)