Ùrachadh mu Dheireadh 15/08/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
'Letters from the Mountains' (1)
EXTERNAL ID
AB_LL_ANNE_GRANT_03
ÀITE
Inbhir Lòchaidh
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig
DEIT
2008
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Anne Grant
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
1262
KEYWORDS
claistinneach
cruthan-tìre litreachais

Get Adobe Flash player

Tha a' chuibhreann chlaistinneach seo o 'Letters from the Mountains: being the real correspondence of a lady between the years 1773 and 1807', le Anne MacVicar Grant, foillsichte an toiseach ann an 1806. Tha e air a leughadh an seo le sgoilear o Acadamaidh na Cananaich.

'Oh when shall I ... give you some idea of Inverlochy? Dismal, dismal dismal, it appeared to me; drenched with cold rains, and covered with clouds of unusual darkness. The shore so flat and unmeaning! A long, low moor spreading behind; very little verdure in sight, no peaceful vales or sweet streams; the very river Nevis to me looks gloomy and stupid; 'tis a little Acheron. Ben Nevis is a great clumsy mountain, without any fanciful breaks, or fine marked outline, like those of Morvern. It is great, without sublimity, and seems to nod above this ugly town, and shake a perpetual drizzle from its misty locks.'

Rugadh A' Bh-ph Anna Ghrannd às an Lagan mar Anna Nic a' Phiocair ann an Glaschu an 1755. 'S i an nighean aig Donnchadh Mac a' Phiocair, oifigear san arm. Chuir an teaghlach seachad ùine ann an Ameireaga a Tuath mus do thill iad a dh'Alba gu Dùn Deòrsa ann an 1773. B' ann an seo a thachair Anna ri Seumas Grannd, ministear san arm ris an rèisemaid a bha gearasdanaichte an sin. Phòs iad ann an 1779 nuair a chaidh paraiste an Lagain, a bha rin taobh, a thoirt dha fo chùram.

Nuair a bhàsaich an duin' aice ann an 1801, ghabh Anna ri sgrìobhadh gus am faigheadh i beò-shlaint dhi fhèin agus don ochdnar chloinne a bha fhathast aice (ceathrar nighean air bàsachadh nan òige). Am measg nan sgrìobhaidhean as ainmeil aice tha 'Letters from the Mountains' (1807), agus 'Memoirs of an American Lady' (1808) agus cuideachd chlo-bhuail i 'Essays on the Superstitions of the Highlanders' (1811), 's dòcha an obair as inntinnich aice. Am measg a cruinneachaidhean de bhàrdachd tha 'Poems of Various Subjects' (1803) agus 'The Highlanders and Other poems' (1808).

Mar a shoirbhich leatha san sgrìobhadh aice, bha i comasach air gluasad a Dhùn Èideann a dhèanamh agus ann an sin, fad an trithead bliadhna mu dheireadh de a beatha, fhuair i tlachd agus companachd às a cairdean litreachail, nam measg, Sir Ualtar Scott. Bhàsaich Anna Ghrannd aig 9 Manor Place, ann an Dùn Èideann an t-7mh Samhain 1838 agus chaidh a tìodhlacadh ri taobh ceathrar den chlann-nighean aice ann an cladh an Naoimh Cuthbert ann an Dùn Èideann.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

'Letters from the Mountains' (1)

INBHIR NIS: Cill Mo Naomhaig

2000an

claistinneach; cruthan-tìre litreachais;

Am Baile

Literary Landscapes: Anne Grant