Ùrachadh mu Dheireadh 26/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caractaran an àite - Caol Loch Aillse
EXTERNAL ID
HCD00976
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1920an; 1930an
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12631
KEYWORDS
tidsearan
dotairean
manaidsearan bhancaichean
Alba Nuadh
Gàidhlig
Local characters - Kyle of Lochalsh

Air a thogail tarsainn an rathaid bho bhùth lèigheasan Dhonnchaidh Mhic a' Phearsain ann an Caol Loch Aillse, tha an dealbh seo a' sealltainn ceathrar de chompanaich, 's iad uile nan caractaran ann an Caol Loch Aillse. Bhon taobh chlì tha Iain Hossack, Daibhidh Urchardan, An Dotair D. MacRath agus Iain N MacLeòid.

Bha Mgr Hossack na mhanaidsear air a' Bhanca Chommercial (Rìoghail a-nis ). Bha e trang anns a' choimhearsnachd na JP, na Phrobhaist, na stiùiriche air an Sgoil Shàbaid agus na fhear togail fuinn san Eaglais. Chuir e seachad a bheatha obrach sa Chaol agus chaidh e air chluainidh dhan Phloc.

B' e Mgr Urchardan a' chiad cheannard air Sgoil Phoblach a' Chaoil - dreuchd aig an robh àrd inbhe sa choimhearsnachd. B' i a bhean a' chiad bhana-bhàrd aig a' Mhòd Nàiseanta.

B' ann à Leòdhas a bha an Dotair MacRath, air an robh an Dotair Mòr gu h-ionadail. Bha sgìre fharsaing aige ri frithealadh mar dhotair. Tha Donnchadh Mac a' Phearsain ag ràdh ann am fear de leabhraichean gu robh an Dotair MacRath 'responsible for the maintenance of good health in the parishes of Lochalsh, Glenshiel, and Kintail, an area which has the sevices of eight ministers, one priest and two missionaries to look after its spiritual welfare'.

B' e Iain N MacLeòid am maighstir-sgoile anns an Dòrnaidh. Rin a mhac, am màidsear C. I. N. MacLeòid eilthireachd a Cheap Bhreatainn, Alba Nuadh, a theagasg Gàidhlig. Dh'fhuirich e ann fad a bheatha, agus mu dheireadh bha e a' teagasg Gàidhlig agus Sgrùdaidhean Ceilteach aig Oilthigh Frances Xavier ann an Antigonish

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caractaran an àite - Caol Loch Aillse

ROS: Loch Aillse

1920an; 1930an

tidsearan; dotairean; manaidsearan bhancaichean; Alba Nuadh; Gàidhlig

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (photographs)