Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
SS 'Claymore' aig cidhe a' Chaoil
EXTERNAL ID
HCD00989
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1910an; 1920an
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12640
KEYWORDS
S.S. Claymore
bàta-smùide
Mac @ Bhruthainn
cidhe
Caisteal Mhaoil
Caol Acain
zoomable
deilbh leudachail

B' e an SS 'Claymore' a' chiad shoitheach a chaidh a thogail do Dhaibhidh Mac a' Bhruthainn. Chaidh a cur air bhog ann an 1881 le tonnachas 726, is bhathar ag ràdh gur e soitheach tlachdmhor is sònraichte a bh' innte.

Bha an Claymore air a cleachdadh airson a h-uile dad a ghiùlan fad na bliadhna, eadar Glaschu is Steòrnabhagh, is a' stad ann an Geàrrloch, Poll Iùbh, An t-Allt Bheithe is Loch an Inbhir. O 1918 bha I a' giùlan bathar eadar An t-Eilean Sgitheanach agus tìr mòr, ach chaidh a cleachdadh airson cuairtean-mara 10 là cuideachd. Chaidh a cleachdadh an àite an SS 'Sheila' airson greis an dèidh dhan 'Sheila' a dhol air creagan ann an 1927, ach ro dheireadh 1929 bha Mac a' Bhruthainn a' beachdachadh air a toirt a-mach à seirbheis. Chaidh a fàgail bliadhna is planaichean gan dèanamh airson taigh-òsta a dhèanamh dhith. Cha deach seo a dhèanamh is chaidh a reic ann an 1931 airson £75, is a briseadh.

Chithear an Claymore an seo aig cidhe rèile Chaol Loch Aillse, le Caisteal Mhaoil is Caol Àcain san Eilean Sgitheanach sa chùlaibh

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

SS 'Claymore' aig cidhe a' Chaoil

ROS: Loch Aillse

1910an; 1920an

S.S. Claymore; bàta-smùide; Mac @ Bhruthainn; cidhe; Caisteal Mhaoil; Caol Acain; zoomable; deilbh leudachail

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (photographs)