Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Abhainn Ghlinn Eilg, Gleann Eilg
EXTERNAL ID
HCD00991
ÀITE
Gleann Eilg
SGÌRE
Loch Abar
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Gleann Eilg
LINN
1920an; 1930an
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12641
KEYWORDS
abhainn
Gleann Eilg
Gleann Mòr
Glenelg River, Glenelg

'S e baile beag air cladaichean Baigh Ghlinn Eilg a th' ann an Gleann Eilg le seallaidhean a-null don Eilean Sgitheanach. Tha a' mhuir air a tri taobhan - Loch Dubhthaich, An Linne Shlèite agus Loch Shuirn agus chan eil ach aon rathad a-steach thall Màm Ràtagan à Gleann Seile. B' ann leis an ainm Baile na Cille a bha daoine eòlach air suas chun an 18mh linn agus dh'fhàs am baile beag mun cuairt eaglais parraist agus leasaich e leis an airm a' tighinn a-steach agus iad a' togail Taigh-Feachd Bheàrnaraigh ann an 1717. Tha am baile ainmeil mar làraich dà dhùn às an Linn Iarainn a tha ann an deagh staid agus aig aon àm b' e am prìomh àite far am b' àbhaist do chrodh a bhith air an dròbhadh thar a' Chaolais bhon Eilean Sgitheanach don tìr-mhòr. Tha bàt'-aiseig beag fhathast a' dol air ais agus air adhart ann am miosan an t-samhraidh. Tha Donnachadh Mac a' Phearsain, anns an leabhar aige "A Gateway to Skye", ann an caibidil 6 ag innse mu dheidhinn turas a ghabh e don bhaile bheag far an do rugadh athair. 'S cinnteach gu bheil an abhainn anns an dealbh, a chaidh a thogail agus a thiotaladh mar Abhainn Ghlinn Eilg le Donnachadh Mac a' Phearsain, Abhainn Ghlinn Mhòir a tha a' ruith ri taobh an seann rathad-cogaidh à Ràtagan sios Gleann Mòr

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Abhainn Ghlinn Eilg, Gleann Eilg

INBHIR NIS: Gleann Eilg

1920an; 1930an

abhainn; Gleann Eilg; Gleann Mòr

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (photographs)