Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Eaglais na h-Alba, Caol Loch Aillse
EXTERNAL ID
HCD01019
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1940an
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12660
KEYWORDS
Eaglais na h-Alba
Iain MacDhonnchaidh
Port an t-Sròim
Church of Scotland, Kyle of Lochalsh

Chaidh Eaglais na h-Alba, san dealbh seo air mullach an leothaid air Rathad na Eaglaise ann an Caol Loch Aillse, a thogail mar Eaglaise Misean agus chaidh a fosgladh gu foirmeil air 25 An t-Iuchar 1901. B' e leudachadh an rèile às A' Chaol gu Port an t-Sròim a dh'adhbhraich gun deach a togail, oir bha muinntir an àite a' faicinn gum biodh àrdachadh ann an àireamh-sluaigh a' bhaile a chruthaicheadh ceann-uidhe rèile. Tha cunntas Pàipear-naidheachd aig an àm a' toirt tuarisgeul air an eaglais mar 'severely Gothic design, seated for 180 worshippers, faultless and extremely tasteful in every respect'. Chaidh am bheastraidh a chur ri taobh dheas na h-eaglaise ann an 1915 aig cosgais dà cheud seasgad 's a sia niotaichean, ochd-deug tastan agus sgillinn. Bha ministear Paraiste Loch Aillse an urra ri Adhradh, ach bha e air a chuideachadh le sreath de mhiseanaraidhean gu 1939.

'S e 'Kingille' a th' air an taigh a tha air taobh chlì na h-eaglaise agus chaidh a thogail dha Mgr MacRath, aon de thriùir bhràithrean a thog taighean san sgìre. Bha Donnchadh Mac a' Phearsain, Cungaidhear A' Chaoil, a thog an dealbh seo cuideachd a' fuireach air Rathad na h-Eaglaise faisg air an eaglais, agus 's dòcha gun teagamh gun deach an dealbh camara seo a thogail bhon ghàrradh aige.

'S e Talla an Airm an togalach air an làimh dheis agus chaidh a thogail ann an 1912 le Comann an Iar-Airm, gu sònraichte airson trèanadh ach cuideachd airson a bhith ann airson dannsean 's consairtean agus cuid de sheirbheisean Sàbaid. An toiseach, cha robh àrd-ùrlar, suidheachain no fiù 's solais anns an talla ach a dh'aindeoin seo bha an talla air a cleachdadh gu mòr airson iomadh seòrsa spòrs. Tron a' chogadh mhòr, rinn an Red Cross 'Soldiers Rest' agus biadhlann den talla airson mòran shaighdearan a bha a' dol tron Chaol, glè thric a' siubhal dhachaigh gu na h-Eileanan an Iar.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Eaglais na h-Alba, Caol Loch Aillse

ROS: Loch Aillse

1940an

Eaglais na h-Alba; Iain MacDhonnchaidh; Port an t-Sròim

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (photographs)