Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bàgh Phort Rìgh
EXTERNAL ID
HCD01045
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
LINN
1920an
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12678
KEYWORDS
Port Rìgh
Rìgh Seumas V
Meall
Portree Bay

Air ainmeachadh mar chuimhneachan air turas dà bhàta dheug aig Rìgh Seumas V na h-Alba ann an 1540, cha robh Port Rìgh idir ainmeil gu às dèidh 1780, nuair a chaidh am baile a stèidheachadh le Sir Seumas Dòmhnallach. 'S e a-nis am baile as mòtha san Eilean Sgitheanach.

Tha an talamh os cionn a' chidhe air aithneachadh mar Am Meall, rubha a bhios a' fàgail a' chala cho fasgach agus cho trang. Thairis air a' bhàgh tha Inbhir Aileabhaig ann, agus tha Eilean Ratharsaigh seachad air beul a' chala.

Tha am bàta-smùide pleadhaig 'Fusilier' a' tighinn a-steach dhan chidhe. Chaidh a thogail an1888, agus 's ann le companaidh Mhic a' Bhruthainn a bha e nuair a chaidh an dealbh seo a thogail. Chaidh am bàta seo a chleachdadh ann an seiribheisean posta air a' chost an iar fad ghreiseig, ach chaidh a chur gu briseadh suas ann an 1939. Tha iad den bheachd gur e am bàta a tha ceangailte aig a' chidhe fear eile de chabhlach Mhic a' Bhruthainn, 's dòcha air slighe Steòrnabhaigh

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bàgh Phort Rìgh

INBHIR NIS: Port Rìgh

1920an

Port Rìgh; Rìgh Seumas V; Meall

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (photographs)