Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Peathraichean Chinn Tàile
EXTERNAL ID
HCD01070
ÀITE
Cinn Tàile
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1920an; 1930an
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12695
KEYWORDS
beanntan
Na Còig Peathraichean
Ceann Tàile
loch
Dubhthaich
The Five Sisters of Kintail

'S iad Peathraichean Chinn Tàile an sreath bheanntan a chithear an seo bho thaobh eile Loch Dubhthaich. A rèir aithris chaidh dithis Phrionnsa Èireannach a chur gu tìr le stoirm aig muir, agus thuit an dithis aca ann an gaol le dithis dhe na seachdnar nigheanan aig Rìgh Chinn Tàile. An dèidh gealltanas a thoirt seachad gun cuireadh iad an còignear bhràithrean a-nall airson nan nigheanan eile, phòs na Prionnsaichean an dithis bhana-phrionnsa a b' òige dhen teaghlach is thill iad a dh'Èirinn. Dh'fhan na peathraichean, ach cha do thill iad, is mu dheireadh dh'iarr na peathraichean air Draoidh Glas Choire Dhunaid ùine a bharrachd a thoirt dhaibh, is rinn e nam beanntan iad. Tha na beanntan ag èirigh os cionn Gleann Seile aig Ceann Loch Dubhthaich. Bhon taobh, 's iad na beanntan Sgùrr Mòraich (876m), Sgùrr nan Saighead (929m), Sgùrr Phuaran (1068m), Sgùrr na Càrnach (1002m) agus Sgùrr na Ciste Duibhe (1027m). 'S i Sgùrr an t-Seacraich (576m) an tè as lugha is as fhaisg air an loch. Tha e coltach gun deach an dealbh seo a thogail bho Leitir Fheàrna

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Peathraichean Chinn Tàile

ROS: Loch Aillse

1920an; 1930an

beanntan; Na Còig Peathraichean; Ceann Tàile; loch; Dubhthaich

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (photographs)