Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Baile a' Phluic
EXTERNAL ID
HCD01188
ÀITE
Am Ploc
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1920an; 1930an
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12766
KEYWORDS
baile
solar-uisge
MacMhathain
Baile a' Phluic
Plockton

Chaidh Baile a' Phluic a dhealbhachadh ann an nòs-ùr an 1794 airson Morair Shìophoirt. Thug Sir Ùisdean MacAonghais, am fear-seilbh ùr, taighean dha na tuathanaich aige a bha air am fuadach às na taighean aca an 1901, agus rinn iad a' chuid bu mhotha dhen teachd a-steach aca airson iomadach bhliadhna le bhith a' togail eathraichean agus ag iasgach. Tha an taigh geal ri aghaidh na deilbh a-nis na dhà thaigh fa leth. Air beulaibh an taighe seo tha pumpa iarainn ùraichte, fear dhe na pumpaichean-uisge mu dheireadh a bha ag obair ceart sna 1950an. Bha e a' cumail uisge ris a' phoball mas tàinig pìoban uisge dha na taighean fa leth.

Bha Sir Coinneach MacMhathain, fear-seilbh Oighreachd Loch Aillse bho 1886 gu 1919, gu math cudromach ann a bhith a' toirt air a' chompanaidh rèile, a bhaa' leudachadh an rathad-iarainn bhon a' Chaol gu Port an t-Sròim, pìob-uisge a chur dhan a' Phloc bho Loch Lunndaidh, sìos Sràid a' Bhanca agus Sràid na h-Acarsaid gu pumpaichean-uisge. Chaidh seachd pumpaichean-uisge a chur ann gach 200 slat. Tha am baile an-duigh ainmeil airson na h-aimsir chiuin a tha ann air sgàth Sruth a' Chamais. Tha seo cuideachd a' mìneachadh mar a tha craobhan pailme air a' Phrìomh Shràid. Chaidh am prògram BBC ainmeil 'Hamish MacBeth' a chlaradh sa bhaile

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Baile a' Phluic

ROS: Loch Aillse

1920an; 1930an

baile; solar-uisge; MacMhathain; Baile a' Phluic

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (photographs)