Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Loidse Ach na Seileach
EXTERNAL ID
HCD01192
ÀITE
Ach nan Seileach
SGÌRE
Loch Carrann
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Carrann
LINN
1930an; 1940an
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12769
KEYWORDS
taigh
loidse
oighreachd
Achnashellach Lodge

Tha Loidse Ach na Seileach ann an Gleann Carrann air an rathad eadar Loch Carrann is Ach na Sìne. Chaidh a togail mu 1870 mar thaigh-seilg, mun aon àm a chaidh an rathad-iarainn a leudachadh bho Inbhir Pheofharain gu ruige Port an t-Sròim. Thogadh stèisean prìobhaideach faisg air an taigh agus tha luchd-coiseachd is luchd-sreapaidh fhathast ga cleachdadh. Tha an loidse suidhichte os cionn Loch Dubh-Gall. Tha i air a cuairteachadh le craobhan Coille Ach na Seileach, leis an Fhuar Tholl (905m) ag èirigh air a' chùl. Bha 49,000 acair anns an oighreachd, a bhiodh a' dol leis an taigh, aig aon àm. Chaidh a briseadh na sgìrean na bu lugha ann am meadhan nan 1870an. Anns na bliadhnaichean mu dheireadh sna 1930an, rinn Donnchadh Mac a' Phearsain cunntas oirre le dealbhan agus anns na leabhraichean aige. Anns an leabhar 'Gateway to Skye', sgrìobh e is e air bòrd treana, ""halted at Achnashellach station, that down below could be seen Achnashellach Lodge, for a time the residence of His Highness the Maharajah of Gaekwar of Baroda, but now owned by Mrs Stewart Sandeman"

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Loidse Ach na Seileach

ROS: Loch Carrann

1930an; 1940an

taigh; loidse; oighreachd

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (photographs)