Ùrachadh mu Dheireadh 14/07/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Donnchadh Mac a' Phearsain aig Gleann Chuidheil
EXTERNAL ID
HCD01194
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1920an
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12771
KEYWORDS
Donnchadh Mac a' Phearsain
dealbhadair
cungadair
sgrìobhadair
Caol Loch Aillse
Vest Pocket Guide
Duncan Macpherson at Glenquithel

Rugadh Donnchadh Mac a' Phearsain air a' 24mh den Chèitean 1882 ann an Gleann Chuidheil, Siorrachd Obar Dheathain, ann an teaghlach de chòignear. Nuair a cheamnaich e mar lèigheadair, fhuair e eòlas-obrach air feadh Sasainn is aig an spatha ann an Srath Pheofhair, is mu dheireadh chaidh e a dh'fhuireach ann an Caol Loch Aillse ann an 1912. Bha athair à Gleann Eilg, is bha Donnchadh a' faireachdainn daimh ris an taobh siar. Stèidhich e a' bhùth-chungaidhean faisg air a' chidhe sa Chaol. Bha ùidh mhòr aige ann an dealbhadaireachd, is bhiodh e a' siubhal mun sgìre a' togail dhealbhan de dhealbhan-tìre is seallaidhean de bheatha làitheil ann an coimhearsnachd a' Chaoil. Phòs e nighean às an sgìre, Mairead NicIomhair, is bha nighean, Màiri, is mac, Niall, aca. Bha a theaghlach còmhla ris air mòran de na turasan aige.

Sgrìobh is dh'fhoillsich Donnchadh trì leabhraichean - 'Gateway to Skye' ann an 1946, 'Lure of the West' ann an 1950, is 'Where I Belong' ann an 1964. Rinn e cairtean-phostachd de chuid de na dealbhan aige is, o 1927 gu 1960, dh'fhoillsich e 'Vest Pocket Guide to Skye and Lochalsh'. Bha uairean nan aiseagan, fiosrachadh mu ostailean, taighean-òsta is àitean inntinneach a thaobh eachdraidh san leabhar, còmhla ri sgeulachdan èibhinn. Tha e soillear o na leabhraichean aige gun robh ùidh mhòr aig Donnchadh Mac a' Phearsain anns a' choimhearsnachd, a' gabhail pàirt ann an iomadh rud gus an do bhàsaich e ann an 1966, aig 84 bliadhna a dh'aois

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Donnchadh Mac a' Phearsain aig Gleann Chuidheil

ROS: Loch Aillse

1920an

Donnchadh Mac a' Phearsain; dealbhadair; cungadair; sgrìobhadair; Caol Loch Aillse; Vest Pocket Guide

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (photographs)