Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Aiseag aig a' Chaol agus Stiomair
EXTERNAL ID
HCD01222a
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1930an
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12792
KEYWORDS
bàta-smùide
bàtaichean
bàtaichean-aiseig
Ferry and Steamer, Kyle

Anns an dealbh seo, chithear sreath de dhaoine a tha a' feitheamh ris an aiseig air an laimrig ann an Caol Loch Aillse. Tha aiseag air a bhith eadar Caol Loch Aillse agus Caol Àcainn san Eilean Sgitheanach fad linntean, ach cha do dh'èirich baile ceart ann gus an do ràinig an rathad-iarainn an Caol ann an 1897. Aig toiseach an 20mh linn, cha robh anns an aiseig eadar Caol is Caol Àcainn ach bàta-ràmh beag le luchd-siubhail dhen cois agus bathar. Bha feum air bàta a bha comasach air carbadan a ghiùlan mu dheireadh oir bha na rathaidean a' fàs nas fheàrr agus bha dràibhearan a' fàs na bu dhàine. Anns an dealbh seo, chithear bàta le clàr-tionndaidh agus rampaichean.

Tha seo a' sealltainn gun deach adhartas susbainteach a dhèanamh ach a rèir coltais cha robh am bàta comasach air barrachd air aon charbad a ghiùlan aig an aon àm. Dh'fhaodte gur e seo an 'Kyleakin', aiseag le slige fiodha a thòisich air an t-seirbheis ann an 1930. Ann an 1936, thàinig bàta-aiseig le slige fiodha agus clàr-tionndaidh am 'Moil', a bha comasach air dà chàr a ghiùlan.

Ri cùl na deilbh, chithear bàta-smùid pleadhaig, am PS 'Fusilier'. Chaidh am bàta seo a bha 280 tunna a chuideam, a thogail le McArthur & Co ann am Pàislig às leth David MacBrayne. Chaidh na h-einnseanan a dhèanamh le Hutson & Corbett, Glaschu. Bha i ag obair air an t-slighe eadar an t-Òban agus an Gearasdan agus eadar an t-Òban agus Stafainn na bu thràithe ach eadar 1931 agus 1934, dh'obraich i air seirbheisean a' phuist Malaig -Caol Loch Aillse - An t-Àth Leathann - Ratharsair - Port Rìgh. Chaidh PS 'Fusilier' a reic san Iuchar 1934 agus chaidh a briseadh ann an 1939. Bha bàtaichean-smùide mar seo rim faicinn gu tric aig toiseach an 20mh linn oir bhiodh seirbheisean cunbhalach aig bàtaichean-smùidea' giùlan cha mhòr a h-uile seòrsa bathair, cho math ri beathaichean agus luchd-siubhail, suas agus sìos an costa an iar agus gu na h-Eileanan Siar

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Aiseag aig a' Chaol agus Stiomair

ROS: Loch Aillse

1930an

bàta-smùide; bàtaichean; bàtaichean-aiseig

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (photographs)