Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Uaireigin Oisean a' Cheimigeir' / 'Chemist's Corner', Caol Loch Aillse
EXTERNAL ID
HCD01232_AT
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
DEIT
2008
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Andrew Taylor
NEACH-FIOSRACHAIDH
Am Baile
AITHNEACHADH MAOINE
12800
KEYWORDS
bùthan-chungaidhean
bailtean
togalaich
sràidean
Formerly 'Chemist's Corner', Kyle of Lochalsh

San dealbh seo chithear an t-oisean far am b' àbhaist bùth ceimigeir Dhonnchaidh Mhic a' Phearsain seasamh, ri taobh far a bheil bùth Chloimhe Chaol Loch Aillse an-diugh.

Dh'fhosgail Donnchadh Mac a' Phearsain a' bhùth chungadaireachd aige nuair a chaidh e a Chaol Loch Aillse ann an 1912. Bha e far an robh Prìomh Shràid is Rathad an Stèisein a' coinneachadh, far an robh mòran luchd-turais air ais is air adhart on stèisean is an laimrig far an robh an aiseag a' dol dhan Eilean Sgitheanach. A bharrachd air stuthan leigheis, bha stuthan camara anns a' bhùth aige cuideachd, seach gun robh Mac a' Phearsain dèidheil air togail dhealbhan. Bha cuid de na dealbhan aige fhèin ann an uinneagan na bùtha, còmhla ri sanasan airson stuthan Kodak. 'S e seòrsa de dh'oifis-turasachd a bh' anns a'bhùth cuideachd, oir bha Mac a' Phearsain a' reic mhapaichean, cuimhneachain is an Leabhar-iùil Pòcaid ainmeil aige, anns an robh a h-uile sgath fiosrachaidh a dh'fheumadh neach-siubhail. Tha sanas airson an Leabhar-iùil anns an uinneig air an taobh chlì dhen bhùth anns an dealbh seo

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Uaireigin Oisean a' Cheimigeir' / 'Chemist's Corner', Caol Loch Aillse

ROS: Loch Aillse

2000an

bùthan-chungaidhean; bailtean; togalaich; sràidean

Am Baile

San dealbh seo chithear an t-oisean far am b' àbhaist bùth ceimigeir Dhonnchaidh Mhic a' Phearsain seasamh, ri taobh far a bheil bùth Chloimhe Chaol Loch Aillse an-diugh.<br /> <br /> Dh'fhosgail Donnchadh Mac a' Phearsain a' bhùth chungadaireachd aige nuair a chaidh e a Chaol Loch Aillse ann an 1912. Bha e far an robh Prìomh Shràid is Rathad an Stèisein a' coinneachadh, far an robh mòran luchd-turais air ais is air adhart on stèisean is an laimrig far an robh an aiseag a' dol dhan Eilean Sgitheanach. A bharrachd air stuthan leigheis, bha stuthan camara anns a' bhùth aige cuideachd, seach gun robh Mac a' Phearsain dèidheil air togail dhealbhan. Bha cuid de na dealbhan aige fhèin ann an uinneagan na bùtha, còmhla ri sanasan airson stuthan Kodak. 'S e seòrsa de dh'oifis-turasachd a bh' anns a'bhùth cuideachd, oir bha Mac a' Phearsain a' reic mhapaichean, cuimhneachain is an Leabhar-iùil Pòcaid ainmeil aige, anns an robh a h-uile sgath fiosrachaidh a dh'fheumadh neach-siubhail. Tha sanas airson an Leabhar-iùil anns an uinneig air an taobh chlì dhen bhùth anns an dealbh seo