Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Cidhe agus Stèisean a' Chaoil
EXTERNAL ID
HCD01243
ÀITE
Caol Loch Aillse
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1930an
CRUTHADAIR
Duncan Macpherson
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12810
KEYWORDS
Caol Loch Aillse
cidhe an rèile
einnseanaireachd
Kyle Pier and Station

Ri linn leudachadh an rèile bho Phort an t-Sròim gu Caol Loch Aillse ann an 1897, dh'fhàs am baile gu luath gu bhith na phort trang air a' chosta shiar. Dh'fhàg einnseanaireachd a' phìos mu dheireadh de loidhne a' Chaoil gum b' e an rèile bu dhaoire a bh' ann aig an àm, le 31 gearradh creige agus 29 drochaidean air an togail air an earrainn seo a-mhàin. Chaidh na làraich airson an stèisein sa Chaol, an gàrradh bathair, na frìth-rèilichean agus seadaichean nan einnseanan uile a spreadhadh à creag chruaidh. Thog Donnchadh Mac a' Phearsain iomadh dealbh de bheatha làitheil a' Chaoil, 's bha ceann an rèile 's an cidhe aig cridhe na bha a' tachairt. Is coltach gu robh an dealbh seo mar aon de shreath a rinn e nan cairtean-puist a bha a' sealltainn an dòigh-beatha air a' chosta shiar 's a bhiodh e a' reic na bhùth-ceimigeir

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Cidhe agus Stèisean a' Chaoil

ROS: Loch Aillse

1930an

Caol Loch Aillse; cidhe an rèile; einnseanaireachd

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Duncan Macpherson (photographs)