Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Comharra Comannachaidh bhon Phloc
EXTERNAL ID
HCD_ARCH_0002
ÀITE
Am Ploc
SGÌRE
Taobh an Iar Dheas Rois
SIORRACHD/PARRAIST
ROS: Loch Aillse
LINN
1830an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12814
KEYWORDS
creideamh
comanachadh
eaglais
Communion Token from Plockton

Air an eisimpleir seo de chomharra comanachaidh meatailt, a tha 2.5cm ann an trast-thomhais, tha an sgrìobhadh 'PLOCKTON 1834' air aon taobh. Chan eil dealbhadh ri fhaicinn air a' chùl.

Bha comharran comanachaidh gan cleachdadh gu bitheanta ann an Eaglais Chlèireach na h-Alba bhon t-17mh chun an 19mh linn. 'S e bh' annta ach 'tiogaid' meatailt a leigeadh leis an neach aig an robh e comanachadh, cha b' ann san Eaglais Stèidhte
a-mhàin, ach cuideachd ann an eaglaisean clèireach eile. Leis gun robh seirbheis a' chomanachaidh na sàcramaid chudromach 's nach robh i air a cumail ach dà uair sa bhliadhna, cha robh na comharran air an toirt seachad ach dhaibhsan a bh' air am meas airidh orra. Mar bu trice bha na comharran air an roinn le na h-èildearan, agus an uair sin bheireadh an luchd-comanachaidh na comharran a-steach 's iad a' dlùthachadh air bòrd a' chomanachaidh air neo nuair a bha iad nan suidhe.

Bha eisimpleirean tràtha, agus feadhainn bho choitheanalan beaga 's dòcha, nan clàran sìmplidh le ainm na h-eaglais, an ceann-latha agus uaireannan ciad litir a' mhinisteir air am bruthadh dhan luaidhe. Na b' anmoiche bha molldairean air an cleachdadh gus dealbhachaidhean na b' iom-fhillte a chruthachadh, agus air cuid de chomharran bha ìomhaighean mar am preas a bha a' lasadh le teine no cupa comanachaidh, cho math ri sgrìobhadh. Ro 1900 an àite a' mhòr-chuid de chomharran bha cairtean ann

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Comharra Comannachaidh bhon Phloc

ROS: Loch Aillse

1830an

creideamh; comanachadh; eaglais;

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Artefact Collection, Skye and Lochalsh Archive Centre