Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Dà Chomharra Comanachaidh bhon Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_ARCH_0003
ÀITE
Hàlainn
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Diùirinis
LINN
1810an; 1820an; 1830an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12815
KEYWORDS
creideamh
comanachadh
eaglais
Two Communion Tokens from Skye

Tha na comharran comanachaidh seo nach eil air an dèanamh ro ghrinn 2.4 cm ann an trast-thomhas agus 's math dh'fhaodte air an dèanamh à luaidhe. Lorgadh iad beagan òirlich fo uachdar an starain a th' ann an-diugh gu seann Eaglais na h-Alba ann an Bhatarnais, ann am paraiste Dhiùirinis. An-diugh tha ainm na paraiste an còmhnaidh air a litreachadh le 'i/I', ach sna lathaichean a dh'fhalbh bhiodh seo uaireannan air fhàgail às, mar a tha air na comharran seo.

Buinidh na ciad litrichean 'J.S.' air a' chùl do mhinistear na h-eaglais aig an àm a chaidh na comharran a dhèanamh. Gu dearbh bha dithis mhinistearan san dreuchd aig an robh na h-aon chiad litrichean, an t-Urr Iain Seathach bho 1811 gu 1813 agus an t-Urr Seumas MacGriogair Souter bho 1814 gu 1836.

Bha comharran comanachaidh gan cleachdadh gu bitheanta ann an Eaglais Chlèireach na h-Alba bhon t-17mh chun an 19mh linn. 'S e bh' annta ach 'tiogaid' meatailt a leigeadh leis an neach aig an robh e comanachadh, cha b' ann san Eaglais Stèidhte
a-mhàin, ach cuideachd ann an eaglaisean clèireach eile. Leis gun robh seirbheis a' chomanachaidh na sàcramaid chudromach 's nach robh i air a cumail ach dà uair sa bhliadhna, cha robh na comharran air an toirt seachad ach dhaibhsan a bh' air am meas airidh orra. Mar bu trice bha na comharran air an roinn le na h-èildearan, agus an uair sin bheireadh an luchd-comanachaidh na comharran a-steach 's iad a' dlùthachadh air bòrd a' chomanachaidh air neo nuair a bha iad nan suidhe.

Bha eisimpleirean tràtha, agus feadhainn bho choitheanalan beaga 's dòcha, nan clàran sìmplidh le ainm na h-eaglais, an ceann-latha agus uaireannan ciad litir a' mhinisteir air am bruthadh dhan luaidhe. Na b' anmoiche bha molldairean air an cleachdadh gus dealbhachaidhean na b' iom-fhillte a chruthachadh, agus air cuid de chomharran bha ìomhaighean mar am preas a bha a' lasadh le teine no cupa comanachaidh, cho math ri sgrìobhadh. Ro 1900 an àite a' mhòr-chuid de chomharran bha cairtean ann

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Dà Chomharra Comanachaidh bhon Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Diùirinis

1810an; 1820an; 1830an

creideamh; comanachadh; eaglais;

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Artefact Collection, Skye and Lochalsh Archive Centre