Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Putan Casaig, Saor-dhìonadairean an Eilein Sgitheanaich
EXTERNAL ID
HCD_ARCH_0004
ÀITE
Neo-iomchaidh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS
LINN
1790an; 1800an
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12816
KEYWORDS
eilthireachd
trusgain
armailteach
Tunic Button, Isle of Skye Volunteers

Air a' phutan umha airgeadach seo, dìreach 12.5 mm ann an trast-thomhais, tha an sgrìobhadh 'Isle of Sky Volunteers' timcheall air crùn, ròs agus cluaran. Air a' chùl tha bonn lùb ceangail agus an sgrìobhadh 'Sheffield 179_'; cha ghabh an dearbh cheann-latha a leughadh. (Chaidh an 'e' fhàgail às an fhacal 'Skye' san sgrìobhadh).

Chaidh am putan a lorg ann an 1992 air làrach lot tùsair Albannach ann an Eilean a' Phrionnsa. Bha e an uair sin na achadh le tuathanach, ach sheall clàran gun deach an sgìre a thuineachadh le Albannaich bho Cheann Loch Chille Chiarain ann an Earra-Ghàidheal, a ràinig an sin ann 1770.

'S math dh'fhaodte gun tàinig am putan bho chasag èididh le fear de Shaor-dhìonadairean an Eilein Sgitheanaich, tè den iomadh rèiseimeid ionadail a chaidh a thogail faisg air deireadh an 18mh linn. Chaidh na rèisimeidean sin a chruthachadh gus cur an aghaidh cunnart, mar a bhathar ga fhaicinn, bhon Fhraing, agus gu tric bha iad air an cur air bhonn agus air am maoineachadh cuideachd le uachdarain ionadail. Tha am putan bho àm an dèidh na h-eilthireachd bho Earra-Ghàidheal gu Eilean a' Phrionnsa, ach 's dòcha gu bheil e bho àm nas anmoiche nuair a ràinig feadhainn eile, 's dòcha bhon Eilean Sgitheanach. 'S dòcha gun deach a chall gun fhiosta bho bhad aodaich, air neo a chur mar chuimhneachan gu teaghlach air taobh thall an Atlantaig.

Ged nach mòr am putan no cudromach ann an cleachdadh, tha e a-nis na cheangal susbainteach eadar an t-Eilean Sgitheanach agus Eilean a' Phrionnsa. B' e bonn-stèidh taisbeanaidh ann an 2003 de dh'obair ealain air ùr bharantachadh air an robh 'A' Chiste', a bha mar phàirt de shreath thachartasan a' comharrachadh dà cheud bliadhna bho aon de na h-eilthireachdan mòra mu dheireadh à Alba. Dh'fhàg aon 600 eilthireach Port Rìgh ann am meadhan an t-samhraidh 1803

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Putan Casaig, Saor-dhìonadairean an Eilein Sgitheanaich

INBHIR NIS

1790an; 1800an

eilthireachd; trusgain; armailteach;

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Artefact Collection, Skye and Lochalsh Archive Centre