Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ceann-saighde
EXTERNAL ID
HCD_ARCH_0007
ÀITE
Gleann Bhreatail
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Bracadal
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12819
KEYWORDS
arc-eòlas
àrsaidheachd
Arrowhead

Chaidh an ceann-saighde ailbhinn seo air cumadh duilleig, a tha bhon linn Nuadh-chreagaich (3,000 - 2,200 RC), a lorg le turchairt aig àm cur coille ann an Gleann Bhreatail san Eilean Sgitheanach. Tha an ceann-saighde de dh'ailbhinn geal le fiamh liath-ghlas aig a' cheann fad a-mach 's aig a' bhior. Tha an cùlaibh còmhnard le bleideachadh timcheall air a' bhun. Air an taobh a tha ris san dealbh tha bleideachadh air gach taobh de dhruim meadhanach a tha aotrom ach follaiseach air fhad.Tha dà eag bheag a-null oir aon taoibh, gach aon air a shuidheachadh aig mu thrian den fhaid.

Fad: 44 mm; os-leud: 21 mm; os-thighead: 3 mm

Bha ciad innealan air an dèanamh à ailbhinn oir tha i cruaidh ach gabhaidh a cumadh gu furasta gus oirean geura a dhèanamh. Bha òrd de chloich làidir air a chleachdadh gus pìosan ailbhinn a bhriseadh dheth, agus bhiodh bleideagan dhiubh air an obrachadh an uair sin gu faiceallach gus cinn-shaighdean agus rudan beaga eile a chumadh. Dh'fhaodadh 'knappers' ailbhinn caochladh chumaidhean a chruthachadh, agus tha iomadh fear eadar-dhealaichte air a bhith air a lorg bho amannan thairis air mìltean bhliadhnachan

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ceann-saighde

INBHIR NIS: Bracadal

arc-eòlas; àrsaidheachd

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Artefact Collection, Skye and Lochalsh Archive Centre