Ùrachadh mu Dheireadh 30/11/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar - cuidhteas reic, Iuchar 1951
EXTERNAL ID
HCD_DAVIDBANKS_070
DEIT
28 An t-Iuchar 1951
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
1282
KEYWORDS
West Highland Salmon Fisheries
iasgach a' bhradain mara
bradan
gnìomhachas a' bhradain
bàtaichean iasgaich
iasgach a' bhric
breac
iasgach le lìon
West Highland Salmon Fisheries Co. - sales receipt, July 1951

Bha Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar a' reic èisg - bradan, bànag (bradan a' tilleadh gu fìor-uisge às dèidh aon gheamhradh aig muir) agus breac - gu grunn luchd-ceannach air feadh Alba is Shasainn. Bha iarrtas mòr ann airson an èisg a chaidh a ghlacadh far an Eilean Sgitheanach agus bhiodh an t-iasg air a chur gu diofar mharsanta agus uaireannan gu diofar thaigh fhèin.

Tha an cuidhteas seo on Iuchar 1951 a' sealltainn gun deach 22 bànag agus 3 breac, 147 1/4 punnd gu lèir ann an cuideam, a chur gu Dùn Èideann gus an reiceadh Eideard Walker & Mic (Iasgairean) Earr iad. Bhiodh an t-iasg air a chur, mar bu trice, air an rèile, don mharsanta. Tha an cuidhteas cuideachd a' sealltainn na cosgaisean a bharrachd a bh' ann gus an t-iasg fhaighinn don mhòr-reiceadair. Bhiodh na marsantan a' gabhail an coimisean, agus a' toirt fios mu chosgaisean pacaidh, còmhdhail agus teileagraman. B' ann tro theileagraman a chaidh clàrachadh na chaidh a cheannach a dhèanamh. Ann a sheo, b' e Edwin Walker am fear leis a' chomharra 'Fish, Leith'. Bhiodh am marsanta-èisg a' dearbhadh na thàinig de dh'iasg agus cuideachd duilgheadasan sam bith a bh' ann ('s dòcha iasg air a mhilleadh no mearachd sna cuideaman) agus a' cur sin ris na chaidh sgrìobhadh le Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar nuair a chuir iad an stuth a-mach bhon Eilean. Bhiodh an cuidhteas oifigeil an uair sin ga chur tron phost gu Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar ann am Port Rìgh.

West Highland Salmon Fisheries Co Ltd (Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr.)
Ann an 1944 cheannaich Seumas Banks & Mic, Peairt, màl iasgaich a' bhradain aig Oighreachd Chille Mhoire san Eilean Sgitheanach, bho A Powrie & Co, agus chuir e air bhonn a' West Highland Salmon Fisheries Co Ltd' (Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar Earr.) gus am màl obrachadh. Chùm an companaidh a' dol gu ruig 1962 nuair a chaidh a reic gu Coinneach MacMhathain, Port Rìgh.

Nuair a ghabh Banks & Mic thairis am màl bha stèiseanan iasgaich ann an Leathallt, Rigg (Boraraig), Stafainn, Port Rìgh, Camas Tianabhaig, Bail' Meadhanach agus Caisteal Bhròchaill (ann an Ratharsair). Ann an 1956 chaidh Bail' Meadhanach agus Camas Tianabhaig a chur còmhla mar stèisean a' Bhràighe, le triùir ag obair ann, ged a bhiodh ceathrar ag obair mar bu trice sna stèiseanan eile. Bhiodh an companaidh a' cumail mu 28 duine ann an obair gach bliadhna, agus an obair ga thairgse dhan aon fheadhainn gach bliadhna mus fheuchadh an companaidh ri daoine ùra fhastadh.

Bhiodh an seusan a' tòiseachadh fada sa Ghiblean/ tràth sa Chèitean agus a' dol gu deireadh an Lùnastail. Bhiodh grùnn fhireannaich cuideachd gam fastadh ann am mìosan a' gheamhraidh ach an toireadh iad deigh a nìos o dhama an t-Slugain gu bhith air a stòradh san taigh-deighe aig cidhe Phort Rìgh. Bhiodh gach ball den sgioba a' faighinn cùmhnant le fios air tuarastal, sgeama airgid a-bharrachd a bha san amharc agus uairean obrach agus chaidh oilisgin agus bòtannan rubair a thoirt dha.

Chaidh an t-iasg glacte a roinn ann am bradan, bànag agus breac, agus àireamh nam bànag a bu mhotha. Gach bliadhna ghlacadh iad mu 3000 iasg uile-gu-lèir fada sna 1940an agus tràth sna 1950an. Ann an 1957 chaidh an àireamh a bu mhotha a-riamh a ghlacadh - faisg air 10,000 iasg.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is mu phrìsean cuir post-d gu:
Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Companaidh Iasgach Bhradain na Gàidhealtachd an Iar - cuidhteas reic, Iuchar 1951

1950an

West Highland Salmon Fisheries; iasgach a' bhradain mara; bradan; gnìomhachas a' bhradain; bàtaichean iasgaich; iasgach a' bhric; breac; iasgach le lìon

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

David Banks: West Highland Salmon Fisheries Co Ltd (documents)