Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bràiste Trombaid
EXTERNAL ID
HCD_ARCH_0008
ÀITE
An Dùnan
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
2c
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12820
KEYWORDS
seudaireachd
culaidh choimheach
bràistean
Trumpet Brooch

Ged a tha e air a dhroch thruailleadh, tha am ball-ceàirde seo furasta aithneachadh mar bhràiste trombaid Ròmanach. Tha cumadh bogha sònraichte air le leudachadh nochdte aig a' cheann far an robh am bann no sprionga a' phrìne air a chumail 's air a dhìon, agus sin an t-adhbhar airson an ainm 'trombaid'. Bha an riochd seo, nach eil eu-coltach ri prìne-dùinte mar a tha e air a chleachdadh, glè bhitheanta san àm Ròmanach-Bhreatannach, agus 's dòcha gu bheil an t-eisimpleir seo bhon dàrna linn AD. Mar bu trice bha bràistean trombaid gan cleachdadh ann am pàidhrichean, air an ceangal le sèine, gus cleòcan no casagan a cheangal.

Bha na bràistean cumanta sna sgìrean airm ann an ceann a tuath Bhreatainn, agus tha grunnan math air a bhith air an lorg am measg nithean Ròmanach eile a chaidh a lorg tuath air a' phrìomh loidhne smachd aig Balla Hadrian. Chan eil fios an robh iad air an call gun fhiosta, air am malairt, air neo nan duaisean bho bhuidhnean creachaidh, ach cha b' urrainn nach biodh ùidh anns an eisimpleir seo a bhith air a lorg air tràigh san Eilean Sgitheanach. Lorgadh e ann an 1997 faisg air làrach dùin roieachdraidheil, 's dh'fhaodadh gur ann às a sin a thàinig e

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bràiste Trombaid

INBHIR NIS: An Srath

2c

seudaireachd; culaidh choimheach; bràistean;

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Artefact Collection, Skye and Lochalsh Archive Centre