Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ceann-èill Umha bho Aiseag, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_ARCH_0009B
ÀITE
Aiseag Maol Ruibhe
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
11c
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12822
KEYWORDS
arc-eòlas
àrsaidheachd
na Meadhan-Aoisean
umha
Bronze Strap-end from Ashaig, Isle of Skye

Lorgadh an ceann-èill umha seo bho na meadhan linntean ann an 1994 aig cladh àrsaidh Aiseig san Eilean Sgitheanach. Tha Aiseag na àite cràbhach cudromach le ceanglaichean ri Naomh Maol Ruibhe a bha beò bho 642 gu 722 AD. Bha Maol Rubha na dheisciobal aig Colm Cille, agus stèidhich e manachainn sa Chomraich air tìr-mòr. Bha e tric air aiseag a-nall dhan Eilean Sgitheanach agus shearmonaich e do na creidmhich bho chealla beag faisg air a' chladach aig Aiseag. Tha e air a ràdh gun do chroch an naomh a chlag ùrnaigh bho chraobh uinnsinn a bha faisg air làimh, agus gun do chùm e a leabhar Scriobtaran ann an còs ann an creag. Chaidh tobar bhòidean a thogail os cionn fuaran a bha ag èirigh faisg air an làraich agus a bha 's dòcha a' tàladh luchd-taisteil.

Tha an ceann-èill air aithneachadh mar cheann èill no crios leathair. Tha e air a sgeadachadh gu grinn air gach taobh, agus 's dòcha gun robh e air a chleachdadh mar phàirt de cheangal air leabhar, seach air bad aodaich. Tha na pàtranan duilleagach eadar-fhighte nan sanas gun deach a dhèanamh 's dòcha mun 11d linn AD.

75 mm a dh'fhaid, 15 mm a leud, 3 mm a thighead

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ceann-èill Umha bho Aiseag, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: An Srath

11c

arc-eòlas; àrsaidheachd; na Meadhan-Aoisean; umha

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Artefact Collection, Skye and Lochalsh Archive Centre