Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Bobhla Fiodha
EXTERNAL ID
HCD_ARCH_0010A
ÀITE
An Sruthan
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Bracadal
LINN
1l; 2l
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12823
KEYWORDS
arc-eòlas
àrsaidheachd
cuachan
Linn an Iarainn
Wooden Bowl

Chaidh am bobhla garbh seo a lorg le turchairt aig àm togail rathad a-steach gu coille air taobh sear Loch a' Ghlinne Bhig, eadar Bràcadal agus Port Ruighe san Eilean Sgitheanach.

Chaidh am bobhla a shnaigheadh le làimh bho chnap de chraoibh dhrumanaich uaireigin anmoch ann an Linn an Iarainn, deagh sheansa sa chiad no san dàrna linn AD. A rèir coltais chaidh am bobhla a chumadh an toiseach le tuagh, ach an uair sin bha an
t-uachdar a-muigh air a chumadh gu faiceallach le gilb-chruinn. Tha e follaiseach gu bheil an taobh a-staigh gun chrìochnachadh, agus sgrìoban garbha inneil fhathast rim faicinn, agus seo sanas nach deach am bobhla a chur gu feum riamh mar bha dùil a dh'aindeoin 's gun deach saothair mhòr a ghabhail ri sgeadachadh an uachdair a-muigh.

Tha bobhla Bhràcadail gu math coltach ri feadhainn eile den aon àm a lorgadh ann an Alba agus an Èirinn, ach le corra fheart eadar-dhealaichte.Tha bonn cruinn rèidh air, bile leathann còmhnard agus cluas no làmh air a cumadh air aon taobh, agus seud beag air an fhear eile. Chaidh a ràdh gur dòcha gun robh mullach le iall leathair air a chleachdadh gus na bha anns a' bhobhla a chòmhdach, 's dòcha nuair a bha an neach a bu leis e a' siubhal. Tha rudan mu dheidhinn a tha coltach ri soitheach fiodha eile a lorgadh beagan chilemeatairean air falbh faisg air Talaisgeir. Tha bonn cruinn air an fhear sin cuideachd, agus tha gualann nochdte air a caolachadh gu amhaich mus fosgail e a-mach aig a' bhile. Ach tha dà làimh air an cumadh gu mìn air bobhla Thalaisgeir. Ged as urrainnear a bhith gu math cinnteach mu dhèanamh bobhla Thalaisgeir, chan urrainnear a bhith cho cinnteach ciamar a bhathar an dùil a chleachdadh.

Os-mheud: 198 mm x 215 mm aig a' ghualainn, àird: 113 mm

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Bobhla Fiodha

INBHIR NIS: Bracadal

1l; 2l

arc-eòlas; àrsaidheachd; cuachan; Linn an Iarainn

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Artefact Collection, Skye and Lochalsh Archive Centre