Ùrachadh mu Dheireadh 13/12/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ladar air neo taoman fiodha bàta
EXTERNAL ID
HCD_ARCH_0011A
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12825
KEYWORDS
iasgach
iasgach-lìn bhradain
Wooden Boat Scoop

Chaidh an inneal fiodha seo a lorg air cladach faisg air Port Rìgh san Eilean Sgitheanach. Tha meud 35 cm ann air fad, le 12.8 cm a dh'fhad san làmh. Tha tomhas-lìonaidh 1,296 cm ciùbach san liagh. Bhathas an toiseach a' smaoineachadh gur e liagh-gràn a bh' ann, ach chaidh an uair sin aithneachadh mar uidheam a bhathas a' cleachdadh airson uisge a thaomadh a-mach à bàta, 's dòcha eathar air a cleachdadh ann an iasgach-lìn bhradain.

Tha traidisean fhada de dh'iasgach-lìn bhradain anns An Eilean Sgitheanach a tha a' dol air ais 300 bliadhna. Bha stèiseanan bhradain suidhichte aig diofar àiteachan mun cuairt oirthir An Eilean Sgitheanaich agus Ratharsair, a' toirt obair sheusanach dha còrr agus 60 fir. Bho na h-àiteachan sin air tìr, bha na fir a' dol a-mach a dh'fhalmhachadh na lìn bhradain uair san latha rè an t-seusain agus dà uair san làtha aig an àm bu thrainge san Iuchar. B' e obair chruaidh air an cuirp a bh' ann, le iomadach lìon sa cheàrnaidh. Chaidh na bhathas a' glacadh sìos mean air mhean suas gu deireadh an fhicheadamh linn, agus cha mhòr nach eil an gnìomhachas air fad air falbh às an Eilean Sgitheanach a-nis. Tha grunnan adhbharan air an cur às leth seo, nam measg sin blàthachadh cruinne, truailleadh, iasgach mì-laghail aig muir agus ann an àiteachan eile agus a bhith a' cur cèidsichean bhradain thuathanachasan èisg faisg air beul aibhnichean sa cumantas.

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ladar air neo taoman fiodha bàta

INBHIR NIS: Port Rìgh

iasgach; iasgach-lìn bhradain

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Artefact Collection, Skye and Lochalsh Archive Centre