Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ladar Fiodha Bàta
EXTERNAL ID
HCD_ARCH_0011B
ÀITE
Port Rìgh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Port Rìgh
CRUTHADAIR
unknown
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12826
KEYWORDS
iasgach
bradan
innealan
Wooden Boat Scoop

Thàinig an t-inneal fiodha seo air tìr air tràigh faisg air Port Rìgh san Eilean Sgitheanach. Tha e 35cm a dh'fhaid gu h-iomlan, agus fad na làimhe 12.8cm. 'S e tomhas-lìonaidh an ladair 1,296 cm ciùbach. An toiseach bhathar an dùil gur e ladar gràin a bh' ann, ach an dèidh làimhe chaidh aithneachadh gun robh e air a chleachdadh airson uisge a thaomadh à bàta, 's e as coltaiche à 'coble' -eathar beag - air a chleachdadh ann an iasgach bhradain le lìon.

Tha e air a bhith na chleachdadh san Eilean Sgitheanach a bhith ag iasgach a' bhradain le lìon fad aon 300 bliadhna. Bha stèiseanan bhradain air an suidheachadh ann an àitean eadar-dhealaichte air a' chosta timcheall air an Eilean Sgitheanach agus Ratharsair, a' toirt cosnadh cunbhalach ràitheil do chòrr is 60 duine. Bhiodh na h-iasgairean a' dol a-mach bho na h-ionadan cladaich seo gus na lìn fhalmhachadh uair san latha tron t-seusan agus dà uair san latha aig an àm a bu trainge san Iuchar. B' e obair chruaidh a bh' ann, is iomadh lìon aig gach stèisean san sgìre. Beag air bheag suas gu deireadh an 20mh linn thàinig crìonadh anns na bhathar a' glacadh, agus cha mhòr nach eil an gnìomhachas a-nis air a dhol à bith san Eilean. Tha diofar adhbharan air a bhith air an toirt seachad airson seo, nam measg blàthachadh na cruinne, truailleadh, iasgach mì-laghail aig muir agus an àitean eile, agus cho pailt 's a tha cèidsichean tuathanasan èisg faisg air beul aibhnichean

Faodar an dealbh seo a cheannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ladar Fiodha Bàta

INBHIR NIS: Port Rìgh

iasgach; bradan; innealan

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Artefact Collection, Skye and Lochalsh Archive Centre