Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-òsta Taigh Tuathanais Sgeirinis agus Loch Snìothasort, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_001
ÀITE
Sgeirinis
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Snìothasort
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12827
KEYWORDS
togalach
togalaichean
ailtireachd
tuathanachas
tuathanas
tuathanasan
Skerinish Farm House Hotel and Loch Snizort, Isle of Skye

Tha taigh-tuathanais Sgeirinis air an rubha eadar ceann a deas Loch Snìothasort Beag agus Loch Eighre, anns an Eilean Sgitheanach. Ged a tha e comharraichte air clàran-dùthcha an t-Suirbhidh Òrdanais mar Sgeirinis, canar Sgirinis no Sguirinis ris cuideachd.

Tha taigh air a bhith air an làrach ann an Sgeirinis bho thràth anns na 1700an; aig aon àm b' e dachaigh fear-taca nan Dòmhnallach a bh' ann. Chaidh an taigh mòr anns a' chairt-phuist a thogail mu 1840, agus tha am bothan agus na togalaichean ri thaobh bho na 1850an, nuair a bha Sgeirinis fhathast na thuathanas mòr.

Tràth anns na 1900an chaidh an tuathanas a bhriseadh na chroitean agus chaidh taighean a rèir nan croitean a thogail. Thachair an t-atharrachadh seo le cuideachadh bho Bhòrd nan Sgìrean Dùmhail, a stèidhich an Riaghaltas ann an 1897. B' e amas a' Bhùird àiteachas, gnìomhachas an iasgaich, agus gnìomhachas snìomh agus fighe a leasachadh, bun-structar coitcheann a leasachadh agus gus croitean ùra a chruthachadh ann an sgìrean anns an robh cùs sluaigh anns a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan.

Chan e taigh-òsta a tha ann an Taigh Sgeirinis tuilleadh, ach tha e fhathast ann an sealbh phrìobhaideach.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-òsta Taigh Tuathanais Sgeirinis agus Loch Snìothasort, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Snìothasort

togalach; togalaichean; ailtireachd; tuathanachas; tuathanas; tuathanasan

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards