Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-òsta Ùige, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_003_AT
ÀITE
Ùige
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Snìothasort
DEIT
2009
LINN
2000an
CRUTHADAIR
Andrew Taylor
NEACH-FIOSRACHAIDH
Andrew Taylor
AITHNEACHADH MAOINE
12830
KEYWORDS
Taigh-òsta
togalach
toglaichean
ailtireachd
Uig Hotel, Skye

Dealbh den taigh-òsta ann an Ùige, baile croitearachd agus port iasgaich ann an ceann iar-thuath an Eilein Sgitheanaich. Thug George Washington Wilson (1823-93), a bha na dhealbhadair-camara ainmeil an tuairisgeul seo air a' bhaile, ag ràdh gun robh "bàgh brèagha ann, a tha a' laighe mar chrudh-eich, le bann de chladach dhonn is de phàircean air an àiteach, agus barraid beinne sa chùl-raon". (eadar-theangaichte)

Tarsainn bho Thaigh-òsta Ùige tha tùr, no gòrlais, a thogadh mu 1840 leis a' Chaiptin Fhriseal a bha na uachdaran aig an àm. Aig an àm sin, choisicheadh croitearan ionadail chun an tùir gus na màil aca a phàigheadh don bhàillidh aig Friseal. Tha Eaglais Shaor Ùige, a thogadh ann an 1847, cuideachd suidhichte faisg air an taigh-òsta. A rèir an t-seanchais, thog èildear às an Eaglais Shaoir aon de na casaidean buidseachais mu dheireadh an aghaidh màthair agus a cuid nigheanan ann an 1880. Cha tàinig a' chasaid gu càil, agus mhair iad uile beò.

Tha Ùige ainmeil mar phort iasgaich. Bha cidhe ann an Ùige ro 1840, agus ann an 1894 chaidh a leudachadh gu mòr aig cosgais £9000. Dh'fhosgail an Rìgh Eideart Vll agus a' Bhanrigh Alexandra a' chidhe gu 'h-oifigeil' air a' 1d Sultain 1902, agus tha càrn-cuimhne don tachartas sin a-nis a' seasamh faisg air far a bheil a' phàirc chàraichean an-diugh. Ann am bliadhnachan tràtha, bhiodh bàtaichean-smùide a' siubhal eadar Glaschu is Steòrnabhagh a' stad gu tric ann an Ùige, agus ann an 1964 thòisich Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' seòladh gu Eilean Na Hearadh agus Uibhist a Tuath, mar a tha iad a' dèanamh chun an latha an-diugh.

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-òsta Ùige, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Snìothasort

2000an

Taigh-òsta; togalach; toglaichean; ailtireachd;

Andrew Taylor

Dealbh den taigh-òsta ann an Ùige, baile croitearachd agus port iasgaich ann an ceann iar-thuath an Eilein Sgitheanaich. Thug George Washington Wilson (1823-93), a bha na dhealbhadair-camara ainmeil an tuairisgeul seo air a' bhaile, ag ràdh gun robh "bàgh brèagha ann, a tha a' laighe mar chrudh-eich, le bann de chladach dhonn is de phàircean air an àiteach, agus barraid beinne sa chùl-raon". (eadar-theangaichte)<br /> <br /> Tarsainn bho Thaigh-òsta Ùige tha tùr, no gòrlais, a thogadh mu 1840 leis a' Chaiptin Fhriseal a bha na uachdaran aig an àm. Aig an àm sin, choisicheadh croitearan ionadail chun an tùir gus na màil aca a phàigheadh don bhàillidh aig Friseal. Tha Eaglais Shaor Ùige, a thogadh ann an 1847, cuideachd suidhichte faisg air an taigh-òsta. A rèir an t-seanchais, thog èildear às an Eaglais Shaoir aon de na casaidean buidseachais mu dheireadh an aghaidh màthair agus a cuid nigheanan ann an 1880. Cha tàinig a' chasaid gu càil, agus mhair iad uile beò. <br /> <br /> Tha Ùige ainmeil mar phort iasgaich. Bha cidhe ann an Ùige ro 1840, agus ann an 1894 chaidh a leudachadh gu mòr aig cosgais £9000. Dh'fhosgail an Rìgh Eideart Vll agus a' Bhanrigh Alexandra a' chidhe gu 'h-oifigeil' air a' 1d Sultain 1902, agus tha càrn-cuimhne don tachartas sin a-nis a' seasamh faisg air far a bheil a' phàirc chàraichean an-diugh. Ann am bliadhnachan tràtha, bhiodh bàtaichean-smùide a' siubhal eadar Glaschu is Steòrnabhagh a' stad gu tric ann an Ùige, agus ann an 1964 thòisich Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' seòladh gu Eilean Na Hearadh agus Uibhist a Tuath, mar a tha iad a' dèanamh chun an latha an-diugh.