Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Baile Ùige, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_004
ÀITE
Ùige
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Snìothasort
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12831
KEYWORDS
Bàigh
oirthirean
bailtean
Uig Village, Isle of Skye

Cairt-phuist de dh'Ùige, baile croitearachd agus port iasgaich ann an ceann an iar-thuath an Eilein Sgitheanaich. Thug George Washington Wilson (1823-93), a bha na dhealbhadair-camara ainmeil an tuairisgeul seo air a' bhaile, ag ràdh gun robh "bàgh brèagha ann, a tha a' laighe mar chrudh-eich, le bann de chladach dhonn is de phàircean air an àiteach, agus barraid beinne sa chùl-raon". (eadar-theangaichte)

Tha tùr, no gòrlais, a thogadh mu 1840 leis a' Chaiptin Fhriseal a bha na uachdaran aig an àm. Aig an àm sin, choisicheadh croitearan ionadail chun an tùir gus na màil aca a phàigheadh don bhàillidh aig Friseal. Tha Eaglais Shaor Ùige, a thogadh ann an 1847, cuideachd suidhichte faisg air an taigh-òsta. A rèir an t-seanchais, thog èildear às an Eaglais Shaoir aon de na casaidean buidseachais mu dheireadh an aghaidh màthair agus a cuid nigheanan ann an 1880. Cha tàinig a' chasaid gu càil, agus mhair iad uile beò.

Tha Ùige ainmeil mar phort iasgaich. Bha cidhe ann an Ùige ro 1840, agus ann an 1894 chaidh a leudachadh gu mòr aig cosgais £9000. Dh'fhosgail an Rìgh Eideart Vll agus a' Bhanrigh Alexandra a' chidhe gu 'h-oifigeil' air a' 1d Sultain 1902, agus tha càrn-cuimhne don tachartas sin a-nis a' seasamh faisg air far a bheil a' phàirc chàraichean an-diugh. Ann am bliadhnachan tràtha, bhiodh bàtaichean-smùide a' siubhal eadar Glaschu is Steòrnabhagh a' stad gu tric ann an Ùige, agus ann an 1964 thòisich Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' seòladh gu Eilean Na Hearadh agus Uibhist a Tuath, mar a tha iad a' dèanamh chun an latha an-diugh.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Baile Ùige, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Snìothasort

Bàigh; oirthirean; bailtean

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards