Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Ùige, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_006
ÀITE
Ùige
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Snìothasort
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12833
KEYWORDS
eich
cairtean
còmhdhail
Uig, Isle of Skye

Tha each agus cairt a' dèanamh an slighe aire an rathad gu Ùige, baile croitearachd agus port iasgaich ann an ceann an iar-thuath an Eilein Sgitheanaich. Thug George Washington Wilson (1823-93), a bha na dhealbhadair-camara ainmeil an tuairisgeul seo air a' bhaile, ag ràdh gun robh "bàgh brèagha ann, a tha a' laighe mar chrudh-eich, le bann de chladach dhonn is de phàircean air an àiteach, agus barraid beinne sa chùl-raon". (eadar-theangaichte)

Tha Ùige ainmeil mar phort iasgaich. Bha cidhe ann an Ùige ro 1840, agus ann an 1894 chaidh a leudachadh gu mòr aig cosgais £9000. Dh'fhosgail an Rìgh Eideart Vll agus a' Bhanrigh Alexandra a' chidhe gu 'h-oifigeil' air a' 1d Sultain 1902, agus tha càrn-cuimhne don tachartas sin a-nis a' seasamh faisg air far a bheil a' phàirc chàraichean an-diugh. Ann am bliadhnachan tràtha, bhiodh bàtaichean-smùide a' siubhal eadar Glaschu is Steòrnabhagh a' stad gu tric ann an Ùige, agus ann an 1964 thòisich Caledonian Mac a' Bhriuthainn a' seòladh gu Eilean Na Hearadh agus Uibhist a Tuath, mar a tha iad a' dèanamh chun an latha an-diugh.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Ùige, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Snìothasort

eich; cairtean; còmhdhail

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards