Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taighean Chroitearan, Àm Buain an Fheòir, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_010
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12836
KEYWORDS
croitearachd
taigh-tughaidh
togail
togalaichean
ailtitreachd
Crofters' Houses, The Hay Harvest, Isle of Skye

Cairt-phuist de thaigh-croite traidiseanta agus togalaichean a-muigh anns an Eilean Sgitheanach, ged nach eil fhios dìreach càit a bheil e.

Tha an taigh-croite a' sealltainn fheartan a tha àbhaisteach airson an t-seòrsa àite-còmhnaidh seo. Tha ballachan a' bhothain le oiseanan cruinn, gus a' ghaoth a leigeil seachad agus tha an tughadh air a dhèanamh seasgair le ròpan le clachan gan cumail sìos, a chithear ri oirean mullaich a' bhothain. Anns a' bhothan seo , tha na ròpan air an dèanamh nas seasgaire buileach le bhith air an ceangal ri pìos fiodha a tha a' ruith thar a' mhullaich fon t-simileir.

Tha mòran chocan feòir rim faicinn ri aghaidh na h-ìomhaigh, agus tha cruach-fheòir àrd, chaol ri faicinn anns an achadh air cùlaibh an taigh-croite. Anns an leabhar, 'Highland Folk Ways', tha an neach-eachdraidh agus an neach beul-aithris, Iseabail F Ghrannd a' toirt iomradh air dòighean buanna traidiseanta air a' Ghàidhealtachd. "Air na croitean as lugha tha am feur, an dèidh a bhuain, air fhàgail gus tiormachadh ann an riadhain agus...air a chruachadh gu h-aotrom le forc no le làmhan na 'chuairteagan' beaga (cocan beaga feòir)... Mu dheireadh, tha na cuairteagan beaga air an cruachadh le forc nan cruachan nas motha agus air an dèanamh seasgair le ròpan. Air an oirthir an Iar agus anns na h-Eileanan tha na cuaiteagan mu dheireadh sin air an dèanamh glè àrd agus caol agus air an togail timcheall air trì-chasach fiodha air bun-stèidh de chlachan." (eadar-theangaichte)

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taighean Chroitearan, Àm Buain an Fheòir, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS

croitearachd; taigh-tughaidh; togail; togalaichean; ailtitreachd

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards