Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Oifis a' Phuist agus Bùth Phort nan Long, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_011
ÀITE
Port nan Long
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Bracadal
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12837
KEYWORDS
càraichean
carbad
carbadan
Post Office and Store, Portnalong, Isle of Skye

Dithis fhireannach agus balach òg nan seasamh ri taobh càr air taobh a-muigh Oifis a' Phuist agus Bùth ann am Port nan Long, air taobh an iar an Eilein Sgitheanaich.

An dèidh a' Chogaidh Mhòir ghluais Roinn an Àiteachais grunnan theaghlaichean à Leòdhas, Na Hearadh agus Sgalpaigh oir bha cus sluaigh annta, chun an fhearainn bu thorraiche ann am Port nan Long, ri cladach Loch Harport. Fhuair gach teaghlach 15-20 acaire fearainn, 3 beathaichean mairt agus roinn den fheurach chaorach choitcheann anns an robh 4,000 acaire. Le bhith a' toirt croitearachd, iasgach agus fighe còmhla, bha cor beòshlaint tòrr na b' fheàrr aig na daoine na bha comasach a bhith aca nan tìr fhèin.

Bha Fèill no Cruinneachadh air a chumail ann am Port nan Long a h-uile bliadhna gu 1939 far an robh an clò a bha air fhighe air a reic. An dèidh an Dàrna Cogaidh chaidh an gnìomhachas ath-bheothachadh agus bha am bathar air a reic gu sònraiche ris na Stàitean Aonaichte agus Iapan. Gu mì-fhortanach thàinig an t-àm nach b' fhiach a bhith ris agus sguir an gnothachas ann an 1968.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Oifis a' Phuist agus Bùth Phort nan Long, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Bracadal

càraichean; carbad; carbadan

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards