Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Taigh-staile Thalaisgeir, Càrabost, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_016
ÀITE
Carabost
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Bracadal
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12839
KEYWORDS
alcol
togalach
togail
togalaichean
ailtireachd
Talisker Distillery, Carbost, Skye

Tha Taigh-staile Thalaisgeir ann am baile Chàraboist, air cladach Loch Harport san Eilean Sgitheanach.

Chaidh Taigh-staile Thalaisgeir a thogail ann an 1830 le Ùisdean MacAsgaill, a cheannaich Oighreachd Thalaisgeir ann an 1825. Tha tùs an Taigh-staile ceangailte gu mòr ri na Fuadaichean, oir bha MacAsgaill, agus am fear leis an robh an oighreachd roimhe, Lachlann MacIllEathain, air a bhith an sàs ann a bhith a' fuadach nan daoine bhon fhearann mun cuairt air Càrabost agus air caoraich, anns an robh barrachd prothaid, a chur nan àite. Chaidh an Taigh-staile a thogail, ann am pàirt, airson cosnadh a thoirt dhan fheadhainn a bha air fhàgail.

Thug e grunnan bhliadhnachan, agus grunnan neach-seilbh, mus robh an Taigh-staille na ghnothachas soirbheachail. Ann an 1848 leig Ùisdean agus a bhràthair, Coinneach, seachad an Taigh-staile, agus ann an 1857 cheannaich Dòmhnall MacIllFhaolain (a bha pòsta aig nighean Ùisdein) e airson £500. An dèidh briseadh air MacIllfhaolain, chaidh an gnothachas a cheannach ann an 1867 le Iain MacAnndrais, a thaisg airgead mòr gus an Taigh-staile a bha ann an droch staid a leasachadh, agus gus cliù bathar Thalaisgeir àrdachadh. Ach ro 1879 bha MacAnndrais e fhèin briste. Bha an Taigh-staile an uair sin air a stiùireadh fear mu seach le dà fhear-staile eòlach, Alasdair Grogair agus Tòmas MacCoinnich agus, leis an eòlas a bh' aca, chaidh an gnothachas agus an seòrsa bathair a stèidheachadh mu dheireadh thall. Gun teagamh, ro tràth anns an 19900an, bha Talaisgeir air fear de na braichean a b' fheàrr a bha a' reic ann am Breatainn.

An-diugh, 's ann le United Distillers a tha Taigh-staile Thalaisgeir, agus tha an t-uisge-beatha sònraichte a tha air a dhèanamh air a mheasadh mar am mac-na-braiche as fheàrr air a' mhargaid. Tha an dealbh chamara seo inntinneach cuideachd oir chaidh a thogail aig àm nuair a bha na 'pagodas' bhideannach thraidiseanta fhathast aig Taigh-staile Thalaisgeir ach chaidh an toirt air falbh bhon uair sin.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Taigh-staile Thalaisgeir, Càrabost, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Bracadal

alcol; togalach; togail; togalaichean; ailtireachd

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards