- TIOTAL
- Osdail Òigridh Ghleann Breadail agus Sgùrr na Banachdaich
- EXTERNAL ID
- HCD_CARD_017
- ÀITE
- Gleann Bhreatail
- SGÌRE
- An t-Eilean Sgitheanach
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: Bracadal
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
- AITHNEACHADH MAOINE
- 12840
- KEYWORDS
- beinn
beanntan
sreap

Cairt-phuist oifigeil bho Chomann Ostailean Òigridh na h-Alba, a' sealltainn ostail an SYHA ann an Gleann Breadail, faisg air Càrabost san Eilean Sgitheanach. Tha an ostail fhathast ann an-diugh. 'S e Munro de 965 meatair a th' ann an Sgùrr na Banachdaich a chithear sa chùl-raon. Tha i na pàirt de dhruim a' Chuilthinn Duibh.
'S e sreath de bheanntan anns an Eilean Sgitheanach a th' anns a' Chuiltheann, air a dhèanamh de dhruim creagach, eagach a' Chuilthinn Duibh agus na Cnuic Dhearga as ìsle (ris an canar an Cuiltheann Dearg uaireannan). Tha 12 Munro (beinn còrr is 910 meatair a dh'àirde ann an Alba) sa Chuiltheann Dubh, agus tha an t-sreath a' tabhann cuid den t-sreap as fheàrr, agus as dùbhlanaiche, san RA.
Chun an 19mh linn, ge-tà, bhathas den bheachd nach gabhadh an Cuiltheann a shreap. Chaidh a' chiad dìreadh de stùc sa Chuiltheann a chlàradh ann an 1836, nuair a bha an neachd-saidheans, Seumas Forbes, agus coilltear ionadail, Donnchadh Mac an t-Saoir, soirbheachail ann a bhith a' sreap Sgùrr nan Gillean air an druim chun an ear-dheas. Chaidh Sgùrr na Banachdaich a shreap an toiseach ann an 1873 leis an t-Siorram Alasdair MacCoinnich a rugadh san Eilean Sgitheanach. San aon bhliadhna 's a rinn e a' chiad dhìreadh den Sgùrr Dhearg agus an stùc as àirde sa Chuiltheann, Sgùrr Alasdair, a chaidh ainmeachadh an dèidh MhicNeacail an dèidh sin.
Tha an t-sreath bheanntan cuideachd air a bhith anns na naidheachdan o chionn ghoirid, nuair a chuir Iain MacLeòid Chlann 'IcLeòid an Cuiltheann Dubh air a' mhargaid airson £10 millean ann an 2000 gus càradh air a' chathair cinnidh, Caisteal Dùn Bheagain, a mhaoineachadh. Ann an 2003, an dèidh iolach mòr poblach, dh'aontaich MacLeòid na beanntan a thoirt mar thiodhlac dhan dùthaich air chùmhnant gun ùraicheadh urras carthannais an caisteal.
S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives