Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Àm an fhoghair ann an Gleann Breadail, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_020
ÀITE
Gleann Bhreatail
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Bracadal
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12843
KEYWORDS
foghar
croitearachd
tuathanachas
ag obair
luchd-obrach
Harvesting in Glen Brittle, Isle of Skye

Cairt-phuist de dhithis fhireannach agus boireannach a' toirt a-steach toradh an fhoghair ann an Gleann Breadail. Chithear Coire na Banachdaich, aon de ghrunnan choireachan ann an sreath bheanntan a' Chuilthinn sa chùl-raon.

Tha grunnan chocan feòir rim faicinn ri aghaidh na h-ìomhaigh. Anns an leabhar aice, 'Highland Folk Ways', tha an neach-eachdraidh agus an neach-beul-aithris, Iseabail F Ghrannd a' toirt iomradh air dòighean buain traidiseanta air a' Ghàidhealtachd. "On the smallest holdings the hay, after cutting, is allowed to dry in swathes and...is lightly heaped by means of the fork and the hands into small 'coils' (little hay cocks)...Finally, the small coils are piled with the fork into larger ones and securely roped. On the west coast and on the Islands these final coils are made very high and narrow and built around a tripod of timber on a foundation of stones."

'S e sreath de bheanntan anns an Eilean Sgitheanach a th' anns a' Chuiltheann, air a dhèanamh an àirde de dhruim creagach, eagach a' Chuilthinn Dhuibh agus na Cnuic Dhearga as ìsle (ris an canar an Cuiltheann Dearg uaireannan). Tha 12 Munro (beinn còrr is 910 meatair a dh'àirde ann an Alba) sa Chuiltheann Dubh, agus tha an t-sreath a' tabhann cuid den t-sreap as fheàrr, agus as dùbhlanaiche, san RA.

Chun an 19mh linn, ge-tà, bhathas den bheachd nach gabhadh an Cuitheann a shreap. Chaidh a' chiad dhìreadh de stùc sa Chuiltheann a chlàradh ann an 1836, nuair a bha an neach-saidheans Seumas Forbes agus coilltear ionadail, Donnchadh Mac an t-Saoir, soirbheachail ann a bhith a' sreap Sgùrr nan Gillean air an druim chun an ear-dheas. Ann an 1845, thill an dithis aca gus Bruach na Frìthe a shreap, agus shreap iad Sgùrr nan Gillean airson an dàrna turais air an druim an iar a bha na bu doirbhe.

Tha an t-sreath bheanntan cuideachd air a bhith anns na naidheachdan o chionn ghoirid, nuair a chuir Iain MacLeòid Chlann 'IcLeòid an Cuiltheann Dubh air a' mhargaid airson £10 millean ann an 2000 gus càradh air a chathair cinnidh, Caisteal Dùn Bheagain, a mhaoineachadh. Ann an 2003, an dèidh iolach mòr poblach, dh'aontaich MacLeòid na beanntan a thoirt mar thiodhlac dhan dùthaich air chùmhnant gun ùraicheadh urras carthannais an caisteal

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Àm an fhoghair ann an Gleann Breadail, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Bracadal

foghar; croitearachd; tuathanachas; ag obair; luchd-obrach

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards