Ùrachadh mu Dheireadh 21/03/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Druim a' Chuilthinn Dhuibh, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_035
ÀITE
Cuiltheann Dubh
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: Bracadal
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12858
KEYWORDS
beanntan
cnuic
stùcan
dromannan
The Black Cuillin ridge, Skye

Dealbh camara air a thogail bho Dhruim a' Chuilthinn Duibh. 'S e sreath de bheanntan anns an Eilean Sgitheanach a th' anns a' Chuiltheann, air a dhèanamh an àirde de dhruim creagach, eagach a' Chuilthinn Dhuibh agus na Cnuic Dhearga as ìsle (ris an canar an Cuiltheann Dearg uaireannan). Tha 12 Munro (beinn còrr is 910 meatair a dh'àirde ann an Alba) sa Chuiltheann Dhubh, agus tha an t-sreath a' tabhann cuid den t-sreap as fheàrr, agus as dùbhlanaiche, san RA.

Chun an 19mh linn, ge-tà, bhathas den bheachd nach gabhadh an Cuitheann a shreap. Chaidh a' chiad dhìreadh de stùc sa Chuiltheann a chlàradh ann an 1836, nuair a bha an neach-saidheans Seumas Forbes agus coilltear ionadail, Donnchadh Mac an t-Saoir, soirbheachail ann a bhith a' sreap Sgùrr nan Gillean air an druim chun an ear-dheas. Ann an 1845, thill an dithis aca gus Bruach na Frìthe a shreap, agus shreap iad Sgùrr nan Gillean airson an dàrna turais air an druim an iar a bha na bu doirbhe.

Ann an 1870, rinn Iain MacCoinnich, à Sgonnsair san Eilean Sgitheanach, a bha dìreach 14 bliadhna a dh'aois aig an àm, a' chiad sreap de Sgùrr a' Ghreadaidh còmhla ri Uilleam Newton Tribe. Thàinig MacCoinnich, a bha air Sgùrr nan Gillean a shreap nuair a bha e deich bliadhna a dh'aois, gu bhith na threòraiche proifeiseanta sa Chuiltheann agus bha e an sàs ann an iomadh sreap cudromach sna beanntan. Ann an 1881, rinn e an dàrna dìreadh den Sgùrr Dhearg (the Inaccessible Pinacle); chaidh a' chiad dìreadh a dhèanamh a' bhliadhna roimhe sin le na seapadairean ainmeil Teàrlach agus Lawrence Pilkington. Ann an 1887 shreap MacCoinnich Sgùrr MhicCoinnich còmhla ri Teàrlach Pilkington airson a' chiad uair, agus chaidh a' bheinn ainmeachadh mar urram dha. Anns na bliadhnachan an dèidh sin, shreap MacCoinnich iomadh uair còmhla ris an Àrd-ollamh Tormod Collie, nam measg a' chiad dìreadh den 'Chìoch' ann an 1906. Bha dàimh làidir eadar an dithis agus tha iad air an tiodhlacadh ri taobh a chèile anns An t-Sruthan.

Ann an 1873, dhìrich sreapadair eile, a rugadh san Eilean Sgitheanach, an Siorram Alasdair MacNeacail, Sgùrr na Banachdaich, an Sgùrr Dhearg agus an stùc as àirde sa Chuiltheann, Sgùrr Alasdair, a chaidh ainmeachadh an dèidh MhicNeacail, airson a' chiad uair.

Tha an t-sreath bheanntan cuideachd air a bhith anns na naidheachdan o chionn ghoirid, nuair a chuir Iain MacLeòid Chlann 'IcLeòid an Cuiltheann Dubh air a' mhargaid airson £10 millean ann an 2000 gus càradh air a chathair cinnidh, Caisteal Dhùn Bheagan, a mhaoineachadh. Ann an 2003, an dèidh iolach mòr poblach, dh'aontaich MacLeòid na beanntan a thoirt mar thiodhlac dhan dùthaich air chùmhnant gun ùraicheadh urras carthannais an caisteal.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Druim a' Chuilthinn Dhuibh, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: Bracadal

beanntan; cnuic; stùcan; dromannan

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards