Ùrachadh mu Dheireadh 05/01/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Sealladh bhon adhair de Dhrochaid an Eilein Sgitheanaich
EXTERNAL ID
HCD_CARD_036
ÀITE
Caol Àcain
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
1990an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12859
KEYWORDS
drochaidean
còmhdhail
eileanan
Aerial View of the Skye Bridge

Sealladh bhon adhar de Dhrochaid an Eilein Sgitheanaich, le Caol Loch Aillse air taobh chllì an ìomhaigh, agus Caol Àcain air an taobh dheas.

Chaidh tòiseachadh a' togail Drochaid an Eilein Sgitheanaich, drochaid rèis shìngilte le bogha air a dèanamh de choncrait, ann an 1992. Chaidh an drochaid fhosgladh gu h-oifigeil ann an 1995, a' gabhail àite seirbheis aiseig a bha a' dol eadar Caol Loch Aillse agus Caol Àcainn. Sa chiad dol a-mach bha cìs air luchd-siubhail airson a dhol tarsainn air an drochaid agus dh'adhbharaich seo mòran connspaid. An dèidh iomairt fhada airson a' chìs a thoirt air falbh, thàinig an drochaid gu bhith saor o chìsean san Dùbhlachd 2004.

Tha pàirt den drochaid air an Eilean Bhàn, eilean beag suidhichte eadar Caol Àcain san Eilean Sgitheanach agus Caol Loch Aillse air tìr-mòr. Chaidh taigh-solais an Eilein Bhàin, a chithear ri aghaidh na h-ìomhaigh seo, a dhealbhachadh le Tòmas agus Daibhidh Stevenson agus chaidh a chrìochnachadh ann an 1857. Nuair a chaidh an taigh-solais a dhèanamh fèin-obrachail, chaidh bothain luchd-faire an taigh-sholais a reic agus cheannaich Gavin Maxwell iad. Bha an t-eòlaiche nàdair agus ùghdar 'Ring of Bright Water', a' fuireach làn-ùine air an Eilean Bhàn bho 1968 gus an do bhàsaich e ann an 1969. Chaidh an taigh-solais a dhì-choimiseanadh ann an 1993.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Sealladh bhon adhair de Dhrochaid an Eilein Sgitheanaich

INBHIR NIS: An Srath

1990an

drochaidean; còmhdhail; eileanan

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards