Ùrachadh mu Dheireadh 21/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Aiseag Chaol Loch Aillse-Chaol Àcain, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_038
ÀITE
Caol Àcain
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
1970an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12861
KEYWORDS
aiseagan
còmhdhail
bàtaichean
Kyle of Lochalsh-Kyleakin Ferry, Skye

Dealbh camara den 'Kyleakin', aiseag a ghabhadh 28 càr a thòisich ag obair eadar Caol Àcain san Eilean Sgitheanach agus Caol Loch Aillse air tìr-mòr ann an 1970.

B' e an 'Kyleakin' a' chiad aiseag shusbainteach a dh'obraich an t-slighe eadar an Caol agus Caol Àcain, ach cha b' i a' chiad aiseag air an robh an t-ainm sin. Ann an 1930, thòisich aiseag le slige fhiodha agus le clàr-tionndaidh, a bha comasach air dìreach aon chàr a ghiùlan, agus air am robh 'Kyleakin' cuideachd ag obair an sin. Ann an 1936, thàinig am 'Moil', aiseag le slige fhiodha agus clàr-tionndaidh a bha comasach air dà chàr a ghiùlan. Bha na h-aiseagan sin le clàr-tionndaidh nam piseach air na bàtaichean bu lugha a bha a' dèanamh a' ghnothaich roimhe seo.

Ann an 1942 thòisich aiseag le slige stàilinn agus clàr-tionndaidh air an robh an t-ainm 'Cuillin', agus a bha comasach air dà chàr a ghiùlan, ag obair air an t-s;ighe eadar an Caol agus Caol Àcain, agus ann an 1951 thòisich an 'Lochalsh' a bha an ìre mhath co-ionann air an t-seirbheis. Eadar 1952 agus 1959 bha aiseagan le clàr-tionndaidh a bha comasach air ceithir no sia càraichean a ghiùlan ag obair, ach leis an àireamh de dhaoine aig an robh càr prìobhaideach a' fàs anns na 1950an agus na 60an dh'fhaodadh luchd-cleachdaidh nan aiseag uaireannan feitheamh suas ri 12 uair a thìde mus fhaigheadh iad thairis ann am mìosan an t-samhraidh.

Mu dheireadh ann an 1970, thòisich an aiseag 'Kyleakin' a ghabhadh 28 càr air an t-seirbheis, agus bliadhna an dèidh sin thòisich an t-aiseag eile, 'Lochalsh', còmhla rithe. A dh'aindeoin beagan dhuilgheadasan an toiseach, bha muinntir an àite agus luchd-tadhail air an dòigh leis an t-seirbheis leasaichte. Bha an dà aiseag ag obair air an t-slighe gu 1991 nuair a ghabh dà aiseag a ghabhadh 36 càr, an 'LochFyne' agus an 'Loch Dunvegan' an àite. Bha seirbheis na h-aiseig ag obair eadar Caol Àcain agus Caol Loch Ailllse gu 1995 nuair a ghabh drochaid an Eilein Sgitheanaich an àite.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Aiseag Chaol Loch Aillse-Chaol Àcain, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: An Srath

1970an

aiseagan; còmhdhail; bàtaichean

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards