- TIOTAL
- Caol Àcain bho Chaisteal Mhaoil san Eilean Sgitheanach
- EXTERNAL ID
- HCD_CARD_039_AT
- ÀITE
- Caol Àcain
- SGÌRE
- An t-Eilean Sgitheanach
- SIORRACHD/PARRAIST
- INBHIR NIS: An Srath
- DEIT
- 2009
- LINN
- 2000an
- CRUTHADAIR
- Andrew Taylor
- NEACH-FIOSRACHAIDH
- Andrew Taylor
- AITHNEACHADH MAOINE
- 12863
- KEYWORDS
- bailtean
togalaich
bàtaichean
Eileanan

Dealbh de bhaile Chaol Àcain san Eilean Sgitheanach, mar a tha e ri fhaicinn bho Chaisteal Mhaoil. Tha tobhta Caisteil Mhaoil, aitreabh trì-ùrlarach le Clann MhicFhionghain bhon 15mh linn, a' coimhead a-mach air a' chala. A rèir an t-seanchais bha caisteal gu math nas tràithe air an làrach seo, a' buntainn ris a' cheathramh ceannard aig Clann MacFhionghuin, Findanus, agus a bhean, banphrionnsa Nirribheach air an robh am far-ainm 'Saucy Mary'. Tha e air a ràdh gun robh cuibhreach aig an dithis thar a' chaolais agus gum biodh iad a' cur cìs air soithichean a bhiodh a' dol seachad.
Thathar an dùil gun do chruinnich Rìgh Haakon IV na Nirribhidh cabhlach mòr shoithichean ann an Caol Àcain ro Bhlàr an Leargaidh Ghallda ann an 1263. Gu dearbh tha an t-ainm Gàidhlig Caol Àcain a' tighinn bho 'Chaol Haakoin'. Chaidh Alasdair III na h-Alba an sàs le Kaakon san Leargaidh Ghallda ann an 1263 gus smachd fhaighinn air ais air Innse Gall A-muigh agus A-staigh agus Cinn Tìre, a bha fo uachdaranas Nirribheach bho mu 1100. Bha buaidh a' bhlàir neo-chinnteach, ged a fhuair Alba smachd a-rithist air na fearainn sin ann an 1266.
Ann an 1811, bha planaichean aig a' Mhorair Dhòmhnallach baile is cala trang a chruthachadh ann an Caol Àcain. Bharantaich e James Gillespie Graham gus dealbhannan den bhaile ùr a dhèanamh, agus bha an Dòmhnallach gan stoidhleadh mar 'Liverpool Ùr.' Tha na planaichean a' sealltainn Chaol Àcain air a lìonadh le sreathan is corrain de thaighean barraideach agus eaglais le stìoball àrd, fìnealta. Cha deach ach beagan thaighean a thogail mus do theirig airgead a' phròiseact. Ann an 1845, thug 'The New Statistical Account of Scotland' tuairisgeul air a' bhaile, ag innse gun robh ann "mu dhusan taigh math sglèataichte...cuid de bhùithtean, agus taigh-òsta cofhurtail air a dheagh chumail suas." (eadar-theangachadh)
Bha seirbheis aiseig a' dol thar a' chaolais eadar Caol Loch Aillse, air tìr-mòr, agus Caol Àcain suas gu 1995 nuair a thàinig Drochaid an Eilein Sgitheanaich, a tha ri faicinn an cùl na deilbh, na h-àite.