Ùrachadh mu Dheireadh 10/10/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
an Caisteal Maol, Caol Àcain, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_043
ÀITE
Caol Àcain
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12867
KEYWORDS
caistealan
tobhtaichean
bàtaichean
Castle Moil, Kyleakin, Skye

Cairt-phuist de thobhta a' Chaisteil Mhaoil, a tha a' coimhead thar a' chala ann am baile Chaol Àcain san Eilean Sgitheanach. B' e aitreabh trì-ùrlarach air a bhith aig Clann MhicFhionghain bhon 15mh linn, a' coimhead a-mach air a' chala. A rèir an t-seanchais bha caisteal gu math nas tràithe air an làrach seo, a' buntainn ris a' cheathramh ceannard aig Clann MacFhionghuin, Findanus, agus a bhean, bana-phrionnsa Nirribheach, air an robh am far-ainm 'Saucy Mary'. Tha e air a ràdh gun robh sèine aig an dithis thar a' chaolais agus gum biodh iad a' cur cìs air soithichean a bhiodh a' dol seachad.

Thathar an dùil gun do chruinnich Rìgh Haakon IV na Nirribhidh cabhlach mòr shoithichean ann an Caol Àcain ro Bhlàr na Leargaidh Ghallta ann an 1263. Gu dearbh tha an t-ainm Gàidhlig Caol Àcain a' tighinn bho 'Chaol Haakoin'. Chaidh Alasdair III na h-Alba an sàs le Haakon san Leargaidh Ghallta ann an 1263 gus smachd fhaighinn air ais air Innse Gall A-muigh agus A-staigh agus Cinn Tìre, a bha fo uachdaranas Nirribheach bho mu 1100. Bha buaidh a' bhlàir neo-chinnteach, ged a fhuair Alba smachd a-rithist air na fearainn sin ann an 1266.

Ann an 1811, bha planaichean aig a' Mhorair Dhòmhnallach baile is cala trang a chruthachadh ann an Caol Àcain. Bharantaich e James Gillespie Graham gus dealbhannan den bhaile ùr a dhèanamh, agus bha an Dòmhnallach gan stoidhleadh mar 'Liverpool Ùr.' Tha na planaichean a' sealltainn Chaol Àcain air a lìonadh le sreathan is corrain de thaighean barraideach agus eaglais le stìoball àrd, fìnealta. Cha deach ach beagan thaighean a thogail mus do theirig airgead a' phròiseict. Ann an 1845, thug 'The New Statistical Account of Scotland' tuairisgeul air a' bhaile, "about a dozen of good slated houses...including some shops, and a very comfortable well-kept inn."

Bha seirbheis aiseig a' dol thar a' chaolais eadar Caol Loch Aillse air tìr-mòr, agus Caol Àcain gu 1995, nuair a ghabh Drochaid an Eilein Sgitheanaich a h-àite

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

an Caisteal Maol, Caol Àcain, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: An Srath

caistealan; tobhtaichean; bàtaichean

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards