Ùrachadh mu Dheireadh 18/09/2017
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
an Caisteal Maol agus Aiseag an Eilein Sgitheanaich, Caol Àcain, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_046
ÀITE
Caol Àcain
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
1930an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12870
KEYWORDS
caistealan
tobhtaichean
aiseagan
còmhdhail
Castle Moil and the Skye Ferry Boat, Kyleakin, Isle of Skye

Cairt-puist de thobha a' Chaisteil Mhaoil, a tha a' coimhead thar a' chala ann am baile Chaol Àcain san Eilean Sgitheanach, agus aon de na h-aiseagan bu thràithe a bha a' dol dhan Eilean Sgitheanach.

B' e aitreabh trì-ùrlarach le Clann MhicFhionghain bhon 15mh linn, a' coimhead a-mach air a' chala a bh' anns a' Chaisteal Mhaoil. A rèir an t-seanchais bha caisteal gu math nas tràithe air an làrach seo, a' buntainn ris a' cheathramh ceannard aig Clann MacFhionghuin, Findanus, agus a bhean, bana-phrionnsa Nirribheach air an robh am far-ainm 'Saucy Mary'. Tha e air a ràdh gun robh sèine aig an dithis thar a' chaolais agus gum biodh iad a' cur cìs air soithichean a bhiodh a' dol seachad.

A rèir coltais 's e aiseag bheag le slige fhiodha agus clàr-tionndaidh a th' anns an aiseag ri aghaidh a' chairt-puist.. Ann an 1930, thòisich an 'Kyleakin', aiseag le slige fhiodha agus clàr-tionndaidh agus a bha comasach air aon chàr a ghiùlan, ag obair air an t-salighe eadar Caol Àcain agyus Caol Loch Aillse air tìr-mòr. Ann an 1936, thàinig am 'Moil', aiseag coltach ris an 'Kyleakin' ach a bha comasach air dà chàr a ghiùan. Bha na h-aiseagan sin le clàr-tionndaidh nam piseach air na bàtaichean bu lugha a bha a' dèanamh a' ghnothaich roimhe seo.

Ann an 1942 thòisich aiseag le slige stàilinn agus clàr-tionndaidh air an robh an t-ainm 'Cuillin', agus a bha comasach air dà chàr a ghiùlan, ag obair air an t-s;ighe eadar an Caol agus Caol Àcain, agus ann an 1951thòisich an 'Lochalsh' a bha an ìre mhath co-ionann air an t-seirbheis. Eadar 1952 agus 1959 bha aiseagan le clàr-tionndaidh a bha comasach air ceithir no sia càraichean a ghiùlan ag obair, ach leis an àireamh de dhaoine aig an robh càr prìobhaideach a' fàs anns na 1950an agus na 60an dh'fhaodadh luchd-cleachdaidh nan aiseag uaireannan feitheamh suas ri 12 uair a thìde mus fhaigheadh iad thairis ann am mìosan an t-samhraidh.

Mu dheireadh ann an 1970, thòisich an aiseag 'Kyleakin' a ghabhadh 28 càr air an t-seirbheis, agus bliadhna an dèidh sin thòisich an aiseag eile, 'Lochalsh', còmhla rithe. A dh'aindeoin beagan dhuilgheadasan an toiseach, bha muoinntir an àite agus luchd-tadhail air an dòigh leis an t-seirbheis leasaichte. Bha an dà aiseag ag obair air an t-slighe gu 1991 nuair a ghabh dà aiseag a ghabhadh 36 càr, an 'LochFyne' agus an 'Loch Dunvegan' an àite. Bha seirbheis na h-aiseig ag oabair eadar Caol Àcain agus Caol Loch Ailllse gu 1995 nuair a ghabh drochaid an Eilein Sgitheanaich an àite.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

an Caisteal Maol agus Aiseag an Eilein Sgitheanaich, Caol Àcain, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: An Srath

1930an

caistealan; tobhtaichean; aiseagan; còmhdhail

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards