Ùrachadh mu Dheireadh 12/11/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caol Àcainn, an t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_053
ÀITE
Caol Àcain
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
DEIT
c1908
LINN
1930an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12876
KEYWORDS
càraichean
clàr nan càraichean
àireamhan clàraidh
pumpaichean peatrail
tractar
baidhsagal
sanas
sanasan
Kyleakin, Skye

Air a' chairt-phuist seo, chithear sealladh de Chaol Àcainn le dath uaine air a chur ris na h-achaidhean air cùl a' bhaile. Chithear cuideachd na beanntan dorcha, creagach air tìr-mòr ri cùl na deilbh. Tha deagh shealladh ann den Òb cuideachd, an làthach a tha còmhdaichte às t-samhradh le cìochan na mara agus le lusan eile a mhaireas beò ann an suidheachadh far am bi sàl ann gach latha. Tha an làthach cuideachd a' toirt seachad fasgadh is biadh airson diofar sheòrsaichean eun fiadhaich.

Bha planaichean leasachaidh ann airson Caol Àcainn ann an 1811 agus bhathar an dùil gnìomhachas is malairt a bhrosnachadh ann. Cha tàinig na planaichean seo gu buil, ge-tà, agus dh'fhàs am baile mar shlighe a-steach don Eilean Sgitheanach leis an t-seirbheis aiseig à Caol Loch Aillse.

Dh'fhalbh an aiseag mu dheireadh air an t-slighe seo san Dàmhair 1995 nuair a dh'fhosgail Drochaid an Eilein Sgitheanaich agus tha Caol Àcainn air fàs nas sàmhaiche ach thathar a' brosnachadh a' bhaile mar àite do luchd-turais fhathast agus is fhiach e tadhal air.

Mar a chithear ann an iomadh dealbh de Chaol Àcainn, tha Caisteal Maol gu math faicsinneach os cionn a' bhaile. Bha an caisteal seo, a chaidh a thogail anns a' 15mh linn agus a tha a-nis na thobhta, na chathair aig Clann MhicFhionnghain. A rèir beul-aithris, bhiodh Bana-phrionnsa Nirrbheach, a bha pòsta aig Ceann-cinnidh nam Fionnghaineach, a' toirt air longan a bha a' siubhal tron chaol cìsean a phàigheadh. Chaidh an caisteal a thrèigsinn mar àite còmhnaidh aig deireadh an t-17mh linn.

Is e Taigh-òsta an King's Arms an taigh-òsta gealaichte air an taobh chlì. Chaidh an togalach seo, a chaidh a thogail mun bhliadhna 1812, a dhealbhadh le James Gillespie Graham.

Tha a' chairt-phuist seo air aon den fheadhainn ann an sreath aig Valentine's a chaidh a dhèanamh às leth D Mac a' Phearsain agus a chaidh a reic anns a' bhùth aige ann an Caol Àcainn

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caol Àcainn, an t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: An Srath

1930an

càraichean; clàr nan càraichean; àireamhan clàraidh; pumpaichean peatrail; tractar; baidhsagal; sanas; sanasan

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards