Ùrachadh mu Dheireadh 03/08/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
'A Highland Cargo', Caol Àcainn, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_054
ÀITE
Caol Àcain
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
DEIT
c1925
LINN
1920an
CRUTHADAIR
J Valentine & Co
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12877
KEYWORDS
crodh
bàirdse, Caol Loch Aillse
A Highland Cargo, Kyleakin, Skye

Tha an tiotal 'Kylekin, Skye' air a' chairt-phuist sepia seo aig Valentine's, ach 's e dealbh de Chaol Loch Aillse air taobh eile a' chaolais a th' ann. Chaidh a' mhearachd seo a cheartachadh anns an ath bhreacadh den chairt. Chaidh an dealbh a thogail air an t-seann chidhe ann an Caol Loch Aillse far an robhar air crodh a ghiùlan bhon Eilean Sgitheanach air an t-slighe don mhargadh air tìr-mòr. Bha bàirdseachan mòra le bonn còmhnard mar an fheadhainn anns an dealbh le Rathad-iarainn na Gàidhealtachd. Mus deach bàtaichean a chleachdadh airson seo, bha aig crodh ri coiseachd air rathaidean-dròbhaidh agus ri snàmh eadar an t-Eilean agus tìr-mòr air an t-slighe as giorra, eadar Caol Reithe agus Gleann Eilg.

Is e Beinn na Caillich a tha 732m a dh'àirde, a' bheinn fhaicsinneach a tha ri cùl an deilbh. Chaidh a' chairt-phuist seo fhoillseachadh airson J.G MacKay, the General Stores, Port Rìgh, an t-Eilean Sgitheanach

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

'A Highland Cargo', Caol Àcainn, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: An Srath

1920an

crodh; bàirdse, Caol Loch Aillse

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards