Ùrachadh mu Dheireadh 26/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
'Bàgh Chaol Àcainn', An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_056
ÀITE
Caol Àcain
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
1900an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12879
KEYWORDS
bàtaichean
Loch Aillse
rathad-iarainn
bàtaichean-smùide
Kyleakin Bay, Skye

Is e 'Kyleakin Bay, Skye', tiotal na cairt-puist seo ach is e Loch Aillse an t-ainm ceart air a' chaolas seo eadar tìr-mòr agus an t-Eilean Sgitheanach. Chaidh a' chairt a chlò-bhualadh mun bhliadhna 1900 agus aig an àm sin, b' e a' mhuir a' phrìomh dhòigh chòmhdhail agus bha iasgach na phàirt chudromach de bheatha làitheil na sgìre. Bha tòrr diofar sheòrsaichean bhàtaichean agus bhàtaichean-smùid rim faicinn air a' chaolas thrang seo.

B' e Loch Aillse a' phrìomh shlighe aiseig eadar Caol Loch Aillse air tìr-mòr agus Caol Àcainn san Eilean Sgitheanach le seirbheis aiseig chunbhalach cho math ri tòrr bhàtaichean prìobhaideach air an t-slighe. Tha slighe aiseig nas giorra ann far a bheil bàta a' dol eadar Caol Reatha agus Gleann Eilg rè mìosan an t-samhraidh. Bhiodh bàtaichean-smùid a' siubhal gu cunbhalach à Glaschu, a' stad ann an Caol Loch Aillse air an t-slighe agus an uair sin a' dol gu Port Rìgh san Eilean Sgitheanach agus gu Innse Ghall. Dh'fhàs Caol Loch Aillse na bu chudromaiche mar phort nuair a thàinig an rathad-iarainn don bhaile agus a leudaich bathair agus àireamh an luchd-siubhail. Bha a' chairt-phuist seo air aon de sreath a chaidh a chlò-bhualadh às leth D. Mac a' Phearsain aig an robh oifis puist agus bùth ann an Caol Àcainn.

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

'Bàgh Chaol Àcainn', An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: An Srath

1900an

bàtaichean; Loch Aillse; rathad-iarainn; bàtaichean-smùide

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards