Ùrachadh mu Dheireadh 26/06/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
An Taigh-solais, Caol Àcainn, An t-Eilean Sgitheanach
EXTERNAL ID
HCD_CARD_057
ÀITE
Caol Àcain
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12880
KEYWORDS
Taigh-solais
Gabhan Maxwell
Eilean Bàn
lach lochlannach
The Lighthouse, Kyleakin, Skye

Anns a' chairt-phuist seo le beagan dath air, chithear sealladh den taigh-solais agus de na toglaichean ann an Eilean Bhàn. Chaidh an dealbh a a thogail ann an Caol Àcainn.
Chaidh an taigh-solais, le a thùr de 70 troighean a dh'àirde, a thogail ann an 1857. Chaidh a dhealbhadh le D & T Stevenson agus bha e air a chleachdadh gus na 1960an. Ann an 1965, chaidh taigh an neach-gleidhidh an taigh-solais a cheannach le Gabhan Maxwell, an t-eòlaiche nàdair agus sgrìobhadair 'Ring of Bright Water'. Rinn e planaichean cuideachd airson gnìomhachas a dhèanamh de na colcan a bha a' fuireach air an eilean mar-thà. Bha e cuideachd airson tèarmann nàdair a dhèanamh den eilean ach cha tàinig na planaichean gu buil a chionn 's gun do chaochail e ann an 1969.
Cheannaich Urras an Eilein Bhàin an t-eilean ann an 2000 agus rinn iad ath-nuadhachadh air na toglaichean gus an robh iad a rèir planaichean Maxwell a-rithist. Tha Taigh-tasgaidh Gabhan Maxwell anns a' phrìomh sheòmar. Bidh am Bright Water Centre ann an Caol Àcainn a' ruith tursan bàta don eilean gus na toglaichean agus an fhiadh-bheatha fhaicinn bho na slighean-coiseachd agus àite-falaich.

Tha an sealladh gu math eadar-dhealaichte a-nis. Dh'fhosgail Drochaid an Eilein Sgitheanaich ann an 1995 agus tha an t-eilean a-nis na bhun-taic don drochaid. Ri cùl na deilbh, a' coimhead don iar-thuath, chithear mullach 'bholcànach' Dùn Cana (443m) ann an Eilean Ratharsair. Bha a' chairt-phuist seo air aon de sreath a rinn D. Mac a' Phearsain aig an robh oifis-puist agus bùth ann an Caol Àcainn

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

An Taigh-solais, Caol Àcainn, An t-Eilean Sgitheanach

INBHIR NIS: An Srath

1950an

Taigh-solais; Gabhan Maxwell; Eilean Bàn; lach lochlannach

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards