Ùrachadh mu Dheireadh 19/04/2018
Google pluspinterestShare on Stumble UponShare on RedditFacebookShare on Tumblr
TIOTAL
Caol Àcainn, An t-Eilean Sgitheanach agus Caol Loch Aillse
EXTERNAL ID
HCD_CARD_058
ÀITE
Caol Àcain
SGÌRE
An t-Eilean Sgitheanach
SIORRACHD/PARRAIST
INBHIR NIS: An Srath
LINN
1950an
NEACH-FIOSRACHAIDH
Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse
AITHNEACHADH MAOINE
12881
KEYWORDS
aiseag
bàta-aiseig
Port an t-Sròim
rathad-iarainn
rèile
obraichean ealain
caisteal
Kyleakin, Isle of Skye and Kyle of Lochalsh

Chaidh an dealbh seo de Chaol Loch Aillse air tìr-mòr a thogail ann an Caol Àcainn san Eilean Sgitheanach air taobh eile Loch Aillse. Tha e coltach gur e latha trang samhraidh a b h' ann agus iomadh aiseag air an t-slighe eadar an Caol agus an t-Eilean Sgitheanach. B' e seo a' phrìomh shlighe eadar an t-Eilean agus tìr-mòr ach bha aiseag eile ann nas fhaide a deas eadar Caol Reatha agus Gleann Eilg. Chaidh cur às don t-seirbheis aiseig Caol-Caol Àcainn ann an 1995 nuair a dh'fhosgail Drochaid an Eilean Sgitheanaich agus mar thoradh air seo, cha robh carbadan air an t-slighe don eilean a' dol tro Chaol Àcainn tuilleadh.

Ann an 1811, Bha planaichean mòra aig an uachdaran am Morair Dòmhnallach baile mòr malairt is gnìomhachais a dhèanamh den bhaile agus ainm ùr a thoirt dha, Liverpool Nuadh.
Chaidh beagan thogalaichean a thogail ach cha tàinig am plana gu buil. A dh'aindeoin seo, bha an sgìre fhathast na slighe loingeis chudromach. Aig aon àm, bha ceithir stèiseanan ciùirigidh ann an Caol Àcainn far am biodh sgadan air a thoirt air tìr, air a chutadh agus air a shailleadh mus rachadh a chur do mhargaidhean ann an Glaschu.

San latha an-diugh, tha a' choimhearsnachd air a bhith ag obair gu cruaidh gus am baile a bhrosnachadh mar àite inntinnich do luchd-turais le obraichean ealain, slighean coiseachd agus cothrom a dhol gu Caisteal Maol agus gu Eilean Bàn far a bheil Taigh-tasgaidh Gabhan Maxwell. Air tìr-mòr, tha Caol Loch Aillse fhathast na bhaile trang agus an trafaig air fad don Eilean Sgitheanach a' dol troimhe. Ann an 1897, chaidh an rathad-iarainn bho Inbhir Nis gu Port an t-Sròim a leudachadh gu Caol Loch Aillse. Mar thoradh air seo, dh'fhàs am baile mar cheann-uidhe airson a' mhòr-chuid de na bàtaichean carago agus luchd-siubhail air an t-slighe gu Innse Gall agus gu Glaschu

S dòcha gum bi an ìomhaigh seo ri faotainn airson a ceannach.
Airson tuilleadh fiosrachaidh mu cheannach is prìsean, cuir post-d gu: Skye and Lochalsh Archives

Airson stiùireadh mu bhith a’ cleachdadh ìomhaighean agus susbaint eile, faicibh duilleag ‘Na Cumhaichean air Fad.’
’S e companaidh cuibhrichte fo bharantas clàraichte ann an Alba Àir. SC407011 agus carthannas clàraichte Albannach Àir. SC042593 a th’ ann an High Life na Gàidhealtachd.
Powered by Capture

Caol Àcainn, An t-Eilean Sgitheanach agus Caol Loch Aillse

INBHIR NIS: An Srath

1950an

aiseag; bàta-aiseig; Port an t-Sròim; rathad-iarainn; rèile; obraichean ealain; caisteal

Ionad Tasglainn an Eilein Sgitheanaich & Loch Aillse

Dualchas Postcards